Agus rinn clann Israeil olc ann an sùilean an Tighearna, agus dhìochuimhnich iad an Tighearna an Dia, agus rinn iad seirbhis do Bhàalim, agus do Astarot.
A‑nis uime sin cuir fios, cruinnich am ionnsaigh-sa Israel uile gu sliabh Charmeil, agus fàidhean Bhàail ceithir cheud agus lethcheud, agus fàidhean nan doire, ceithir cheud, a tha ag ithe aig bòrd Iesebeil.
Agus thug e an doire o thaigh an Tighearna, an taobh a‑muigh de Ierusalem, gu sruth Chidroin, agus mhìn-phronn e gu luaithre e, agus thilg e a luaithre air uaighean clann an t‑sluaigh.
Agus mar an ceudna a‑thaobh Mhaachah, màthair rìgh Asa, chuir e i o bhith na bànrighinn, a chionn gun do rinn i dealbh uamhasach ann an doire: agus gheàrr Asa sìos a dealbh uamhasach, agus mhìn-phronn e e, agus loisg e e aig sruth Chidroin.
Agus thrèig iad taigh an Tighearna, Dia an athraichean, agus rinn iad seirbhis do dhoireachan agus do dhealbhan: agus thàinig fearg air Iùdah agus Ierusalem airson an cionta.
A ùrnaigh mar an ceudna, agus mar a dh’èisdeadh ris, agus a pheacadh uile, agus a easaontas, agus na h‑àitean anns an do thog e ionadan àrda, agus anns an do chuir e suas doireachan agus dealbhan snaidhte, mun d’irioslaicheadh e, feuch, tha iad sgrìobhte am measg briathran nam fear-seallaidh.
Oir thog e suas a‑rìs na h‑àitean àrda a sgrios Heseciah a athair, agus chuir e suas altairean do Bhàalim, agus rinn e doireachan, agus shleuchd e do uile shlòigh nan nèamh, agus rinn e seirbhis dhaibh.
Oir anns an ochdamh bliadhna de a rìoghachadh nuair a bha e fhathast òg, thòisich e air Dia Dhaibhidh a athair iarraidh, agus anns an dara-bliadhna-deug thòisich e air Iùdah agus Ierusalem a ghlanadh o na h‑àitean àrda, agus na doireachan, agus na dealbhan snaidhte, agus na dealbhan leaghte.
Agus nuair a bhris e sìos na h‑altairean agus na doireachan, agus a phronn e na dealbhan snaidhte gu luaithre, agus a gheàrr e sìos na dealbhan grèine uile air feadh tìr Israeil uile, thill e gu Ierusalem.
Cha do thuig ar n‑athraichean d’iongantasan anns an Eiphit; cha do thuig iad lìonmhorachd do thròcairean, ach bhrosnaich iad thu làimh ris a’ mhuir, aig a’ mhuir ruaidh.
Aig a bheil rùn a thoirt air mo shluagh-sa m’ainm a leigeil air dìochuimhn, len aislingean a tha iad ag innse, gach aon da choimhearsnach, amhail a rinn an athraichean m’ainm a leigeil air dìochuimhn airson Bhàail.
A‑mhàin thoir an aire dhut fhèin, agus glèidh d’anam gu dìcheallach, air eagal gun dìochuimhnich thu na nithean sin a chunnaic do shùilean, agus air eagal gun dealaich iad rid chridhe uile làithean do bheatha; ach teagaisg iad dod mhic, agus do mhic do mhac:
Thoir an aire nach dìochuimhnich thu an Tighearna do Dhia, air chor is nach glèidh thu a àitheantan agus a bhreitheanais, agus a reachdan, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh:
Gum bi an sin do chridhe air a thogail suas, agus gun dìochuimhnich thu an Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, agus à taigh na daorsa;
Ach cuimhnichidh tu an Tighearna do Dhia: oir is esan a bheir comas dhut beartas fhaghail, a‑chum is gun daingnich e a choicheangal a mhionnaich e dod athraichean, mar air an là‑an‑diugh.
Agus rinn clann Israeil olc a‑rìs ann an sùilean an Tighearna: agus neartaich an Tighearna Eglon rìgh Mhòaib an aghaidh Israeil, a chionn gun do rinn iad olc ann an sùilean an Tighearna.
Uime sin, las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus reic e iad do làimh Chusan-risataim rìgh Mhesopotamia: agus rinn clann Israeil seirbhis do Chusan-risataim ochd bliadhna.
Agus air an oidhche sin fhèin thubhairt an Tighearna ris, Gabh an tarbh òg aig d’athair, agus an dara tarbh a tha seachd bliadhna a dh’aois, agus tilg sìos altair Bhàail a tha aig d’athair, agus geàrr sìos an doire a tha làimh rithe;
Agus cho luath is a fhuair Gideon bàs, thill clann Israeil a‑rìs, agus chaidh iad le strìopachas an dèidh Bhàalim, agus rinn iad Bàal-berit na dhia dhaibh fhèin.
Agus ghlaodh iad ris an Tighearna, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, do bhrìgh gun do thrèig sinn an Tighearna, agus gun do rinn sinn seirbhis do Bhàalim agus Astarot; ach a‑nis saor sinn à làimh ar naimhdean, agus nì sinn seirbhis dhut.
Agus nuair a dhìochuimhnich iad an Tighearna an Dia, thug e thairis iad do làimh Shisera, ceannard armailt Hasoir, agus do làimh nam Philisteach, agus do làimh rìgh Mhòaib; agus chog iad nan aghaidh.