Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 2:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin mar an ceudna thubhairt mi, Chan fhuadaich mi a‑mach iad romhaibh; ach bidh iad mar bhioran nur taobhan, agus bidh an diathan nan ribe dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus rinn iad seirbhis dan iodhalan, a bha mar ribe dhaibh;

Cha ghabh iad còmhnaidh ad thìr, air eagal gun toir iad ort peacachadh am aghaidh-sa le seirbhis a dhèanamh dan diathan; agus gum bi sin na ribe dhut.

Thoir an aire dhut fhèin, air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd-àiteachaidh na tìre da bheil thu a’ dol, air eagal gum bi e na ribe ad mheadhon:

Ach mura fògair sibh a‑mach luchd-àiteachaidh an fhearainn as ur fianais, an sin bidh iadsan dhiubh don leig sibh fuireach nan sgolban nur sùilean, agus nam bioran nur taobhan, agus cuiridh iad campar oirbh anns an fhearann anns am bi sibh a chòmhnaidh.

Agus sgriosaidh tu an sluagh sin uile a bheir an Tighearna do Dhia thairis dhut; cha ghabh do shùil truas riu: cha mhò a nì thu seirbhis dan diathan, oir bidh sin na ribe dhut.

Biodh fios cinnteach agaibh nach fuadaich an Tighearna ur Dia tuilleadh aon air bith de na cinnich sin a‑mach romhaibh; ach bidh iad dhuibh nan ribe, agus nan ceap-tuislidh, agus nan sgiùrsadh nur taobhan, agus nam bioran nur sùilean, gus an tèid as dhuibh bhàrr an fhearainn mhaith seo a thug an Tighearna ur Dia dhuibh.

Cha chuir mise mar an ceudna, à seo suas, duine sam bith a‑mach romhpa, de na cinnich a dh’fhàg Iosua nuair a fhuair e bàs;

Agus nuair a labhair aingeal an Tighearna na briathran sin ri cloinn Israeil uile, thog an sluagh suas an guth, agus ghuil iad.

Agus ghabh iad an nigheanan gu bhith nam mnathan aca, agus thug iad an nigheanan fhèin dam mic-san; agus rinn iad seirbhis dan diathan.

Agus rinn Gideon èphod dheth, agus chuir e i na bhaile fhèin, eadhon ann an Ophrah; agus chaidh Israel uile an sin le strìopachas na dèidh; agus rinneadh sin na ribe do Ghideon agus da thaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan