Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 19:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlèidh a athair-cèile, athair na h‑ighinn e, agus dh’fhan e maille ris trì làithean: agus dh’ith agus dh’òl iad, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche an sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt a bràthair agus a màthair, Fanadh a’ mhaighdeann maille rinn air a’ chuid as lugha deich làithean; na dhèidh sin falbhaidh i.

Ach do mhic nan coileabach a bha aig Abrahàm, thug Abrahàm tìodhlacan; agus chuir e air falbh iad o a mhac Isaac, nuair a bha e fhèin fhathast beò, don taobh an ear, do thìr na h‑àird an ear.

Agus dh’èirich a fear, agus chaidh e na dèidh, a‑chum gun labhradh e ra cridhe, agus gun tugadh e air a h‑ais i, agus a òganach maille ris, agus dà asal, agus thug i a‑steach e do thaigh a h‑athar; agus nuair a chunnaic athair na h‑ighinn e, chaidh e le gàirdeachas na choinneamh.

Agus air a’ cheathramh là, nuair a dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, dh’èirich esan suas gu imeachd: agus thubhairt athair na h‑ighinn ra chliamhain, Neartaich do chridhe le greim arain, agus na dhèidh sin imichidh sibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan