Rinn thu mar an ceudna strìopachas leis na h‑Asirianaich, a chionn gu robh thu do‑shàthaichte; seadh, rinn thu strìopachas leo, agus gidheadh chan fhaodadh tu a bhith air do shàthachadh.
An sin bheir iad a‑mach an nighean gu doras taigh a h‑athar, agus clachaidh daoine a baile i le clachan gus am bàsaich i; a chionn gun d’obraich i amaideachd ann an Israel, le strìopachas a dhèanamh ann an taigh a h‑athar: mar sin cuiridh tu air falbh olc as ur measg.
Agus anns na làithean sin, nuair nach robh rìgh air bith ann an Israel, bha Lèbhitheach àraidh air chuairt air taobh sliabh Ephraim, a ghabh da ionnsaigh coileabach o Bhetlehem Iùdah.
Agus dh’èirich a fear, agus chaidh e na dèidh, a‑chum gun labhradh e ra cridhe, agus gun tugadh e air a h‑ais i, agus a òganach maille ris, agus dà asal, agus thug i a‑steach e do thaigh a h‑athar; agus nuair a chunnaic athair na h‑ighinn e, chaidh e le gàirdeachas na choinneamh.