Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 18:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan riu, Mar seo agus mar seo rinn Micah rium, agus thuarasdalaich e mi, agus tha mi aige am shagart.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Cha mhath an nì gnùis aithneachadh; gidheadh airson greim arain ciontaichidh duine.

Seadh, is coin chìocrach iad nach urrainn a bhith toilichte; agus is buachaillean iad nach urrainn tuigsinn; tha iad a’ sealltainn, gach aon dhiubh, air a shlighe fhèin; gach fear air a bhuannachd o a chrìch fhèin.

Agus an truaill sibh mise am measg mo shluaigh airson glacaidean eòrna, agus airson mìrean arain, a mharbhadh nan anaman nach bu chòir bàsachadh, agus a choimhead beò nan anaman nach bu chòir a bhith beò, le ur breugan dom shluagh-sa a tha ag èisdeachd ur breug?

Gu cinnteach druidear na dorsan nur n‑aghaidh; agus chan fhadaidh sibh teine air m’altair-sa gu dìomhain. Chan eil tlachd air bith agam annaibh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, cha mhò a ghabhas mi tabhartas air bith o ur làimh.

Cha do shanntaich mi airgead, no òr, no aodach duine sam bith.

Gun a bhith na phòitear, gun a bhith tuasaideach, gun a bhith dèidheil air buannachd shalaich; ach macanta, neo-thuasaideach, neo-shanntach;

Muinntir as còir am beul a dhruideadh, dream a tha a’ tionndadh thaighean iomlan bun-os‑cionn, a’ teagasg nan nithean nach còir, air ghaol buannachd shalaich.

Agus tre shannt nì iad ceannachd oirbh le briathran mealltach: dream nach eil am breitheanas a‑nis o chian a’ dèanamh moille, agus chan eil an sgrios a’ turra-chadal.

Agus thubhairt Micah ris, Fan maille riumsa, agus bi dhòmhsa ad athair agus ad shagart, agus bheir mi dhut deich secel airgid anns a’ bhliadhna, agus culaidh aodaich, agus do bhiadh. Agus chaidh an Lèbhitheach a‑steach.

Agus choisrig Micah an Lèbhitheach; agus bha an t‑òganach aige na shagart, agus bha e ann an taigh Mhicah.

Nuair a bha iad aig taigh Mhicah, dh’aithnich iad guth an òganaich, an Lèbhitheach; agus thionndaidh iad a‑steach an sin, agus thubhairt iad ris, Cò a thug an seo thu? Agus ciod a tha thu a’ dèanamh an seo? Agus ciod a tha agad an seo?

Agus thubhairt iad ris, Iarr comhairle, guidheamaid ort, air Dia, a‑chum gum bi fhios againn an soirbhich leinn nar slighe air a bheil sinn ag imeachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan