Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 18:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nuair a bha iad aig taigh Mhicah, dh’aithnich iad guth an òganaich, an Lèbhitheach; agus thionndaidh iad a‑steach an sin, agus thubhairt iad ris, Cò a thug an seo thu? Agus ciod a tha thu a’ dèanamh an seo? Agus ciod a tha agad an seo?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Iàcob am fagas da athair Isaac, agus laimhsich e e; agus thubhairt e, is e an guth guth Iàcoib, ach is iad na làmhan làmhan Esau.

Ciod a tha agad an seo, agus cò a tha agad an seo, gun do chladhaich thu a‑mach uaigh an seo air do shon fhèin, mar neach a tha a’ cladhach a‑mach uaighe dha fhèin gu h‑àrd, a tha a’ gearradh àite-còmhnaidh dha fhèin ann an carraig?

Agus tamall beag na dhèidh sin thàinig an dream a bha nan seasamh an làthair, agus thubhairt iad ri Peadar, Gu fìrinneach is ann dhiubh siud fhèin a tha thusa; oir tha do chainnt gad bhrath.

An sin thubhairt iadsan ris, Abair a‑nis Schibolet; agus thubhairt esan Sibolet: oir cha b’urrainn e a ràdh gu ceart. An sin ghabh iad e, agus mharbh iad e aig àthan Iòrdain; agus thuit anns an àm sin de na h‑Ephraimich a dhà agus dà‑fhichead mìle.

Agus chuir clann Dhain còignear den teaghlach on crìochan, daoine treuna, o Shorah agus o Estaol, a ghabhail beachd air an tìr, agus ga rannsachadh a‑mach; agus thubhairt iad riu, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr. Agus thàinig iad gu sliabh Ephraim, gu taigh Mhicah, agus dh’fhan iad an sin rè na h‑oidhche.

Agus thubhairt esan riu, Mar seo agus mar seo rinn Micah rium, agus thuarasdalaich e mi, agus tha mi aige am shagart.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan