Britheamhan 17:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt e ra mhàthair, Am mìle agus an ceud secel airgid, a thugadh air falbh uat, mun do mhallaich thu, agus mun do labhair thu cuideachd ann am chluasan-sa, feuch, tha an t‑airgead agamsa; ghabh mise e. Agus thubhairt a mhàthair, Guma beannaichte thusa on Tighearna, a mhic. Faic an caibideil |
A‑nis uime sin, guidheam ort, èisdeadh mo thighearna an rìgh ri briathran a sheirbhisich: mas e an Tighearna a bhrosnaich thu am aghaidh, gabhaidh e tabhartas: ach mas iad clann nan daoine, mallaichte tha iad am fianais an Tighearna: oir dh’fhuadaich iad mise a‑mach an‑diugh o fhantainn ann an oighreachd an Tighearna, ag ràdh, falbh, dèan seirbhis do dhiathan eile.