Agus chuir clann Dhain suas dhaibh fhèin an dealbh snaidhte: agus bha Ionatan mac Ghersoim mhic Mhanaseh, e fhèin agus a mhic, nan sagartan do threubh Dhain, gu ruig là braighdeanas na tìre.
Agus labhair e ri Corah, agus ra chuideachd uile, ag ràdh, Eadhon a‑màireach nochdaidh an Tighearna cò iad as leis, agus cò a tha naomh, agus bheir e air teachd am fagas dha: bheir e eadhon airsan a roghnaich e, teachd am fagas dha.
Agus thubhairt an Tighearna ri Aaron, Giùlainidh tusa agus do mhic, agus taigh d’athar maille riut, euceart an ionaid naoimh; agus giùlainidh tusa agus do mhic maille riut euceart ur sagartachd.