Agus thubhairt Micah ris, Fan maille riumsa, agus bi dhòmhsa ad athair agus ad shagart, agus bheir mi dhut deich secel airgid anns a’ bhliadhna, agus culaidh aodaich, agus do bhiadh. Agus chaidh an Lèbhitheach a‑steach.
Agus dh’imich an duine as a’ bhaile o Bhetlehem Iùdah, a dhol air chuairt far am faigheadh e àite: agus thàinig e gu sliabh Ephraim, gu taigh Mhicah, a’ dol air aghaidh air a thuras.