Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 12:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin chruinnich Iephtah cuideachd fir Ghilead uile, agus chog e ri Ephraim: agus bhuail fir Ghilead Ephraim, a chionn gun dubhairt iad, Is luchd-fuadain de Ephraim sibhse, a Ghileadacha, am measg Ephraim agus am measg Mhanaseh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Eliah an Tisbitheach, a bha de luchd-àiteachaidh Ghilead, ri Ahab, Mar as beò an Tighearna Dia Israeil, an làthair a bheil mise am sheasamh, cha bhi anns na bliadhnachan seo drùchd no uisge ann ach a rèir m’fhacail-sa.

Eisd, O ar Dia, oir tha tàir air a dhèanamh oirnn, agus tionndaidh am masladh air an ceann fhèin, agus tabhair iad nan cobhartach ann an tìr a’ bhraighdeanais:

Ged bha clann Ephraim fon airm, agus ged thilg iad le bogha, thill iad air an ais ann an là catha.

Le peacadh a bhilean ribear an droch dhuine; ach thèid am fìrean as o airc.

Tillidh freagradh mìn corraich; ach dùisgidh briathran garga fearg.

Agus thubhairt seanairean Ghilead ri Iephtah, Biodh an Tighearna na fhianais eadarainn, gun dèan sinne mar sin, a rèir d’fhacail.

Agus nuair a chunnaic mi nach do shaor sibh mi, chuir mi m’anam am làimh, agus chaidh mi a‑null an aghaidh chloinn Amoin, agus thug an Tighearna thairis iad dom làimh: carson, matà, a tha sibh air teachd a‑nìos am ionnsaigh-sa an‑diugh, a chogadh am aghaidh?

Agus ghlac na Gileadaich àthan Iòrdain air na h‑Ephraimich: agus nuair a thubhairt na h‑Ephraimich sin a chaidh as, Leig dhomh dol thairis, thubhairt fir Ghilead ris, An Ephraimeach thu? Ma thubhairt esan, Chan eadh;

Agus fhreagair Nàbel seirbhisich Dhaibhidh, agus thubhairt e, Cò e Daibhidh, agus cò e mac Iese? Is lìonmhor seirbhisich anns na làithean seo a tha a’ briseadh air falbh, gach duine dhiubh, o a mhaighistir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan