Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 12:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic mi nach do shaor sibh mi, chuir mi m’anam am làimh, agus chaidh mi a‑null an aghaidh chloinn Amoin, agus thug an Tighearna thairis iad dom làimh: carson, matà, a tha sibh air teachd a‑nìos am ionnsaigh-sa an‑diugh, a chogadh am aghaidh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, maille rinne tha Dia fhèin na cheannard oirnn, agus a shagartan le trompaidean fuaimneach a thoirt caismeachd nur n‑aghaidh-se. A chlann Israeil, na cogaibh-se an aghaidh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean; oir cha soirbhich leibh.

Carson a tha mi a’ gabhail m’fheòla am fhiaclan, agus a’ cur mo bheatha ann am làimh?

Tha m’anam a‑ghnàth am làimh; gidheadh cha do dhìochuimhnich mi do lagh.

(Muinntir a leig sìos am muineal fhèin airson m’anama-sa: dom bheil a’ toirt buidheachais chan e a‑mhàin mise, ach mar an ceudna eaglaisean nan Cinneach uile.)

Agus thug iad buaidh air tre fhuil an Uain, agus tre fhacal am fianais-san; agus cha do ghràdhaich iad an anaman fhèin gu bàs.

Uime sin cha do pheacaich mise ad aghaidh, ach tha thusa a’ dèanamh eucoir ormsa le cogadh am aghaidh: thugadh an Tighearna, am Britheamh, breith an‑diugh eadar clann Israeil agus clann Amoin.

Agus thubhairt Iephtah riu, Bha agamsa agus aig mo shluagh còmhstri mhòr ri cloinn Amoin; agus nuair a ghairm mi oirbh, cha do shaor sibh mi as an làimh.

An sin chruinnich Iephtah cuideachd fir Ghilead uile, agus chog e ri Ephraim: agus bhuail fir Ghilead Ephraim, a chionn gun dubhairt iad, Is luchd-fuadain de Ephraim sibhse, a Ghileadacha, am measg Ephraim agus am measg Mhanaseh.

(Oir chog m’athair-sa air ur son, agus chuir e a anam ann an cunnart mòr, agus shaor e sibh a làimh Mhidiain;

Oir chuir e a anam na làimh, agus mharbh e am Philisteach; agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr airson Israeil uile: chunnaic thu e agus rinn thu gàirdeachas: carson matà a pheacaicheas tu an aghaidh fala neo-chiontaich, le Daibhidh a mharbhadh gun adhbhar?

Agus thàinig a’ bhean a dh’ionnsaigh Shauil, agus chunnaic i gu robh e fo uamhann mòr, agus thubhairt i ris, Feuch, thug do bhanoglach gèill dod ghuth, agus chuir mi m’anam am làimh, agus dh’èisd mi rid bhriathran a labhair thu rium:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan