Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 11:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Iephtah ri seanairean Ghilead, Nach d’fhuathaich sibh mi, agus nach do thilg sibh a‑mach mi à taigh m’athar? Agus carson a thàinig sibh am ionnsaigh a‑nis, nuair a tha sibh ann an teanntachd?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Isaac riu, Carson a thàinig sibh am ionnsaigh, agus gu bheil fuath agaibh dhomh, agus gun do chuir sibh uaibh mi?

Thigibh, agus reiceamaid e ris na h‑Ismaelich, agus na cuireamaid làmh air: oir is e ar bràthair e, agus ar feòil: agus dh’èisd a bhràithrean ris.

Anns gach àm gràdhaichidh caraid; agus rugadh bràthair fa chomhair teinn.

Agus thig mic do luchd-sàrachaidh gan cromadh fhèin ann ad làthair; agus nì gach neach a rinn tàir ort ùmhlachd gu buinn do chas; agus goiridh iad dhìot, Cathair an Tighearna, Sion Tì naomh Israeil.

Feuch, bheir mise orrasan de shionagog Shàtain (a tha ag ràdh gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach a tha a’ dèanamh brèige), feuch, bheir mise orra gun tig iad agus gun dèan iad adhradh aig do chasan, agus gum bi fhios aca gun do ghràdhaich mise thu.

Agus thubhairt iad ri Iephtah, Thig agus bi ad cheannard oirnn, agus cogaidh sinn an aghaidh chloinn Amoin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan