Nuair a ghlacas fear a bhràthair, de thaigh a athar, air a thrusgan, ag ràdh, Thig, agus bi ad fhear-riaghlaidh oirnn, agus biodh an t‑aomadh seo fo do làimh-sa:
An sin ghairmeadh clann Amoin cuideachd, agus champaich iad ann an Gilead: agus chruinnich clann Israeil iad fhèin an ceann a chèile, agus champaich iad ann am Mispeh.
Agus thubhairt Iephtah ri seanairean Ghilead, Nach d’fhuathaich sibh mi, agus nach do thilg sibh a‑mach mi à taigh m’athar? Agus carson a thàinig sibh am ionnsaigh a‑nis, nuair a tha sibh ann an teanntachd?