Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 11:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rug bean Ghilead mic dha; agus dh’fhàs mic a mhnà suas, agus thilg iad a‑mach Iephtah, agus thubhairt iad ris, Chan fhaigh thu oighreachd ann an taigh ar n‑athar-ne, oir is mac mnà coimhich thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus bha gorta anns an tìr: agus chaidh Abram sìos don Eiphit, gu bhith air chuairt an sin; do bhrìgh gu robh a’ ghorta mòr anns an tìr.

Uime sin thubhairt i ri Abrahàm, Tilg a‑mach a’ bhan-tràill seo, agus a mac: oir cha bhi mac na ban-tràille seo na oighre maille rim mhac-sa, eadhon ri Isaac.

A‑chum do shaoradh on mhnaoi choimhich, on bhanachoigrich a nì miodal le a briathran;

Agus carson, a mhic, a mheallar thu le mnaoi choimhich, agus a dhlùthaicheas tu ri broilleach bana-choigrich?

(Na èisd ri mealltaireachd mnà:) oir mar a’ chìr-mheala silidh bilean mnà coimhich, agus is mìne na ola a beul.

Ach ciod a tha an sgriobtar ag ràdh? Tilg a‑mach a’ bhanoglach agus a mac: oir cha bhi mac na banoglaich na oighre maille ri mac na mnà saoire.

Cha tèid fear dìolain a‑steach do cho-chruinneachadh an Tighearna; eadhon gu ruig an deicheamh ginealach cha tèid e a‑steach do cho-chruinneachadh an Tighearna.

A‑nis bha Iephtah an Gileadach treun ann an neart, agus bu mhac strìopaich e: agus ghin Gilead Iephtah.

An sin theich Iephtah o a bhràithrean, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Thoib: agus chruinnicheadh daoine faoine gu Iephtah, agus chaidh iad a‑mach maille ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan