Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 11:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt seanairean Ghilead ri Iephtah, Biodh an Tighearna na fhianais eadarainn, gun dèan sinne mar sin, a rèir d’fhacail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Sàrai ri Abram, Biodh m’eucoir ortsa: thug mi mo bhanoglach dod uchd; agus nuair a chunnaic i gun d’fhàs i torrach, bha mise tàireil na sùilean: gun tugadh an Tighearna breith eadar mise agus thusa.

A‑nis uime sin mionnaich dhòmhsa air Dia nach buin thu gu fealltach riumsa, no rim mhac, no ri mac mo mhic: ach a rèir a’ choibhneis a rinn mi riut, nì thusa riumsa, agus ris an tìr anns an robh thu air chuairt.

Ma bhuineas tu gu cruaidh rim nigheanan, no ma ghabhas tu mnathan eile a thuilleadh air mo nigheanan-sa, chan eil duine sam bith maille rinn; feuch, tha Dia na fhianais eadar mise agus thusa.

Gun tugadh Dia Abrahàim, agus Dia Nahoir, Dia an athar, breith eadarainn. Agus mhionnaich Iàcob air eagal a athar, Isaac.

Na tabhair ainm an Tighearna do Dhia ann an dìomhanas; oir cha mheas an Tighearna neochiontach esan a bheir a ainm ann an dìomhanas.

Do bhrìgh gun do chuir iad an gnìomh aingidheachd ann an Israel, agus gun do rinn iad adhaltranas le mnathan an coimhearsnach, agus gun do labhair iad briathran breugach ann am ainm-sa, nach d’àithn mise dhaibh, air a bheil eadhon mise fiosrach agus am fhianais, deir an Tighearna.

Agus thubhairt iad ri Ieremiah, Biodh an Tighearna na fhianais fhìor agus dhìleas eadarainn, mura dèan sinne gach nì airson an cuir an Tighearna do Dhia dar n‑ionnsaigh thu.

Èisdibh, O shlòigh, an t‑iomlan dhibh: thoir fa‑near, O thalaimh, agus na h‑uile a tha ann; agus biodh an Tighearna Iehòbhah na fhianais nur n‑aghaidh, an Tighearna as a theampall naomh.

Thug mise a‑mach e, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus thèid e a‑steach do thaigh a’ mhèirlich, agus do thaigh an tì a tha a’ mionnachadh gu breugach air m’ainm-sa; agus fanaidh e ann am meadhon a thaighe, agus sgriosaidh e eadar fhiodh agus chlach e.

Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan-eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.

Oir is e Dia m’fhianais, dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis lem spiorad ann an soisgeul a Mhic, gu bheil mi gun sgur a’ dèanamh luaidh oirbh,

Tha fhios aig Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a tha beannaichte gu sìorraidh, nach eil mi a’ dèanamh brèige.

Agus dh’àithn mi dur britheamhan anns an àm sin, ag ràdh, Eisdibh ris na cùisean a bhios eadar ur bràithrean, agus thugaibh breith cheart eadar gach duine agus a bhràthair, agus an coigreach a tha maille ris.

Agus thubhairt Iephtah ri seanairean Ghilead, Ma bheir sibh air m’ais mi a chogadh an aghaidh chloinn Amoin, agus gun toir an Tighearna thairis iad am fhianais, am bi mise am cheann oirbh?

Agus thubhairt e riu, Tha an Tighearna na fhianais nur n‑aghaidh, agus tha a Aon ungte na fhianais an‑diugh, nach d’fhuair sibh am làimh-sa nì sam bith. Agus fhreagair iadsan, Tha e na fhianais.

Gun tugadh an Tighearna breith eadar mise agus thusa, agus gun dìoladh an Tighearna mise ort: ach cha bhi mo làmh-sa ort.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan