Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 11:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis bha Iephtah an Gileadach treun ann an neart, agus bu mhac strìopaich e: agus ghin Gilead Iephtah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

A‑nis bha Nàaman ceannard sluagh rìgh Shiria na dhuine mòr aig a thighearna, agus urramach, a chionn leis-san gun tug an Tighearna saorsa do Shiria: bha e mar an ceudna treun ann an neart, ach bu lobhar e.

Agus ciod tuilleadh a their mi? Oir theirgeadh an ùine dhomh ann an labhairt mu Ghideon, Bharac, agus Shampson, agus Iephtah, Dhaibhidh mar an ceudna, agus Shamuel, agus na fàidhean:

Agus thubhairt an co‑chruinneachadh, uachdarain Ghilead, gach aon ri chèile, Cia am fear sin a thòisicheas ri cogadh an aghaidh chloinn Amoin? Bidh esan na cheann air uile luchd-àiteachaidh Ghilead.

Agus rug bean Ghilead mic dha; agus dh’fhàs mic a mhnà suas, agus thilg iad a‑mach Iephtah, agus thubhairt iad ris, Chan fhaigh thu oighreachd ann an taigh ar n‑athar-ne, oir is mac mnà coimhich thu.

Agus dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Tha an Tighearna maille riut, a dhuine thrèin ann an neart.

Agus chuir an Tighearna uaithe Ierubàal, agus Barac, agus Iephtah, agus Samuel, agus shaor e sibh à làimh ur naimhdean air gach taobh, agus ghabh sibh còmhnaidh gu tèarainte.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan