Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 10:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an co‑chruinneachadh, uachdarain Ghilead, gach aon ri chèile, Cia am fear sin a thòisicheas ri cogadh an aghaidh chloinn Amoin? Bidh esan na cheann air uile luchd-àiteachaidh Ghilead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Iephtah maille ri seanairean Ghilead, agus rinn an sluagh e na cheann orra, agus na cheannard. Agus labhair Iephtah a bhriathran uile an làthair an Tighearna ann am Mispeh.

Gairmidh iad a h‑uaislean don rìoghachd, ach cha bhi iad ann; agus thig a ceannardan uile gu neoni.

Agus thubhairt fir Israeil, Am faca sibh am fear seo a tha air teachd a‑nìos? Gu cinnteach is ann a thoirt dùbhlain do Israel a tha e air teachd a‑nìos: agus ge bè fear a mharbhas e, nì an rìgh saoibhir e le mòr-shaoibhreas, agus bheir e dha a nighean, agus nì e taigh a athar saor ann an Israel.

Agus thug Iephtah breith air Israel sia bliadhna. An sin fhuair Iephtah an Gileadach bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an aon de bhailtean Ghilead.

A‑nis an dèidh bàs Iosua, dh’fhiosraich clann Israeil den Tighearna, ag ràdh, Cò a thèid suas air ar son an aghaidh nan Canàanach air tùs, a chogadh nan aghaidh?

An sin ghairmeadh clann Amoin cuideachd, agus champaich iad ann an Gilead: agus chruinnich clann Israeil iad fhèin an ceann a chèile, agus champaich iad ann am Mispeh.

A‑nis bha Iephtah an Gileadach treun ann an neart, agus bu mhac strìopaich e: agus ghin Gilead Iephtah.

Agus an ceann làithean àraidh, chog clann Amoin ri Israel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan