Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 1:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Iùdah ri Simeon a bhràthair, Thig a‑nìos maille riumsa dom chrannchur, a‑chum gun cog sinn an aghaidh nan Canàanach, agus thèid mise mar an ceudna maille riutsa dod chrannchur-sa. Agus chaidh Simeon maille ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i mac, agus thubhairt i, A chionn gun cuala an Tighearna gu robh mi air m’fhuathachadh, uime sin thug e dhomh am mac seo cuideachd: agus thug i Simeon mar ainm air.

Agus thubhairt e, Ma bhios na Sirianaich nas treasa na mise, an sin nì thusa còmhnadh riumsa; ach ma bhios clann Amoin nas treasa na thusa an sin thig mise a dhèanamh còmhnaidh leatsa.

Agus thàinig an dara crannchur a‑mach do Shimeon, eadhon do threubh chloinn Shimeoin, a rèir an teaghlaichean: agus bha an oighreachd-san am meadhon oighreachd chloinn Iùdah.

De threubh Shimeoin sheulaicheadh dà‑mhìle-dheug. De threubh Lèbhi sheulaicheadh dà‑mhìle-dheug. De threubh Isachair sheulaicheadh dà‑mhìle-dheug.

Agus chaidh Iùdah maille ri Simeon a bhràthair, agus bhuail iad na Canàanaich a bha nan còmhnaidh ann an Sephat, agus sgrios iad gu tur e: (agus thugadh Hormah mar ainm air a’ bhaile:)

Agus thubhairt an Tighearna, Thèid Iùdah suas: feuch, thug mi an tìr thairis da làimh.

Agus chaidh Iùdah suas; agus thug an Tighearna na Canàanaich agus na Peridsich thairis dan làimh: agus mharbh iad dhiubh ann am Besec deich mìle fear.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan