Oir feuch, bheir mise àithne, agus criathraidh mi taigh Israeil am measg nan uile chinneach, mar a chriathrar sìol ann an criathar, gidheadh cha tuit an sìlean as lugha dheth air an talamh.
Agus tàrlaidh anns an là sin, gun dèan an Tighearna bualadh o chlais na h‑aibhne gu sruth na h‑Eiphit, agus tionailear sibhse suas, aon agus aon, O chlann Israeil.
Agus bidh a anail mar shruth dian a’ ruith thairis, a’ ruigheachd gu meadhon a’ mhuineil; a dh’fhasgnadh nan cinneach le fasgan an dìomhanais; agus bidh srian ann an giallan an t‑sluaigh, gan tarraing air seachran.
Mar a dh’imicheas na h‑òrdaighean seo as mo shealladh-sa, deir an Tighearna, an sin cuideachd sguiridh sliochd Israeil o bhith nan cinneach am feasd ann am làthair.
Na biodh eagal ort, O Iàcoib, m’òglach, deir an Tighearna, oir tha mise maille riut; ged bheir mi crìoch iomlan air na h‑uile chinnich gus an d’fhògair mi thu, gidheadh cha toir mi crìoch iomlan ortsa: ach smachdaichidh mi thu ann an tomhas, agus chan fhuiling mi dhut dol as gu h‑iomlan saor.
Agus bheir mise air Elam ceithir gaothan o cheithir ceàrnan nèimh, agus sgapaidh mi iad ro na gaothan seo uile; agus cha bhi cinneach sam bith gus nach tig iadsan a dh’fhògradh o Elam.
Agus glanaidh mi a‑mach as ur measg na ceannaircich, agus an dream a tha a’ ciontachadh am aghaidh: bheir mi iad a‑mach as an dùthaich anns a bheil iad air chuairt, agus cha tèid iad a‑steach do fhearann Israeil: agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna.
Agus sgap mi iad am measg nan cinneach, agus bha iad air an sgaoileadh air feadh nan dùthchannan. A rèir an slighe, agus a rèir an dèanadais thug mise breith orra.
An sin aithnichidh iad gur mise Iehòbhah an Dia, a thug fa‑near iad a bhith air an toirt ann am bruid am measg nan cinneach: ach chruinnich mi iad a‑chum an dùthcha fhèin, agus cha d’fhàg mi aon dhiubh nas mò an sin.
Uime sin ithidh na h‑athraichean am mic ann ad mheadhon, agus ithidh na mic an athraichean; agus nì mise breitheanais annad, agus sgapaidh mi an t‑iomlan ded fhuidheall ris gach uile ghaoith.
Bàsaichidh trian dhìot leis a’ phlàigh, agus le gorta caithear iad ann ad mheadhon: agus tuitidh trian leis a’ chlaidheamh mun cuairt dhut; agus sgapaidh mise trian ris na h‑uile ghaothan, agus tàirngidh mi a‑mach claidheamh nan dèidh.
Agus sgapaidh an Tighearna thu am measg nan uile chinneach, on dara ceann den talamh eadhon gus an ceann eile den talamh; agus an sin nì thu seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne aon chuid dhut fhèin no dod athraichean, eadhon do fhiodh agus do chloich.