Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Amos 9:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑chum gun sealbhaich iad na mhaireas de Edom, agus na h‑uile chinnich a dh’ainmichear air m’ainm-sa, deir an Tighearna a nì seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Eadhon gach neach a tha air a ghairm air m’ainm-sa; oir a‑chum mo ghlòire chruthaich mi e, dhealbh mi e; seadh, rinn mi e.

A‑chum gun iarr fuidheall nan daoine an Tighearna, agus na h‑uile Chinnich, air an goirear m’ainm-sa, tha an Tighearna ag ràdh, a tha a’ dèanamh nan nithean seo uile.

Dh’fhoillsicheadh mi dhaibhsan nach robh gam fharraid; fhuaireadh mi leòsan nach robh gam iarraidh; thubhairt mi, Feuch mi, feuch mi, ri cinneach nach robh air ainmeachadh orm.

Cuime am biodh tu mar neach ann an suain chadail, mar ghaisgeach aig nach eil cumhachd gu tèarnadh? Gidheadh tha thusa, O Thighearna, nar meadhon, agus ortsa tha sinn air ar n‑ainmeachadh; na dèan ar trèigsinn.

Fhuaireadh do bhriathran, agus dh’ith mi suas iad; agus bha d’fhacal dhomh na aoibhneas, agus na ghàirdeachas dom chridhe; oir tha mi air m’ainmeachadh ortsa, O Iehòbhah, Dhia nan sluagh.

Bu leat sinne riamh; cha robh thu a’ riaghladh os an cionn-san; cha robh iad air an gairm air d’ainm.

Ach leumaidh iad air guailnean nam Philisteach an taobh an iar; creachaidh iad le chèile muinntir na h‑àird an ear; air Edom agus Mòab leagaidh iad an làmh, agus bheir clann Amoin gèill dhaibh.

Is e Mòab mo shoitheach-ionnlaid; os cionn Edoim tilgidh mi mo bhròg; thar Pailistin nì mi caithreim.

Agus fhreagair Isaac, agus thubhairt e ri Esau, Feuch, rinn mi e na uachdaran ort, agus a bhràithrean uile thug mi dha mar sheirbhisich; agus le arbhar agus le fìon chùm mi suas e: agus dhutsa ciod a‑nis a nì mi, a mhic?

Dèanadh slòigh seirbhis dhut, agus strìochdadh cinnich dhut; bi ad uachdaran air do bhràithrean, agus cromadh mic do mhàthar sìos dhut: mallaichte gu robh gach neach a mhallaicheas thu, agus beannaichte gu robh gach neach a bheannaicheas thu.

Mar tha Edom ag ràdh, Rinneadh bochd sinn, ach tillidh sinn agus togaidh sinn na h‑ionadan sgaoilte; mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Togaidh iadsan, ach tilgidh mise sìos; agus goirear riu, Crìoch na h‑aingidheachd, agus an sluagh ris a bheil corraich aig an Tighearna gu sìorraidh.

Agus reicidh mi ur mic agus ur nigheanan gu làimh chloinn Iùdah; agus reicidh iadsan iad ris na Sabèanaich, ri sluagh fad as; oir labhair an Tighearna e.

Aithnichte do Dhia tha a obraichean fhèin uile o thoiseach an t‑saoghail.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan