Agus thubhairt esan, Uime sin èisd thusa ri facal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna na shuidhe air a rìgh-chathair, agus uile shlòigh nan nèamh nan seasamh làimh ris, air a làimh dheis agus air a làimh chlì.
Airson fòirneart nam bochd, airson osnaich nan ainnis, a‑nis èiridh mi, arsa an Tighearna; cuiridh mi e ann an tèarainteachd uaithesan a bhagras na aghaidh.
Tha ginealach ann aig a bheil am fiaclan mar chlaidheamhan, agus am fiaclan-cùil mar sgeanan, a dh’ithe suas nan truaghan on talamh, agus nam feumach o mheasg dhaoine.
An sin thubhairt am fàidh Ieremiah ris an fhàidh Hananiah, Eisd a‑nis, a Hananiah; cha do chuir an Tighearna fios leatsa, ach tha thu a’ toirt air an t‑sluagh seo earbsa a dhèanamh à brèig.
Annadsa ghabh iad duais gu fuil a dhòrtadh: ghabh thu ocar agus riadh, agus bhuannaich thu gu sanntach od choimhearsnaich le ana-cothrom, agus dhìochuimhnich thu mise, deir an Tighearna Dia.
Air an adhbhar sin, a chionn gu bheil sibh a’ saltairt air a’ bhochd, agus a’ gabhail uaithe duaise de chruithneachd; ged thog sibh taighean de chlachan snaidhte, gidheadh chan àitich sibh iad; ged shuidhich sibh fìonliosan taitneach, gidheadh chan òl sibh fìon dhiubh.
Oir is aithne dhòmhsa ur lochdan lìonmhor, agus ur peacaidhean mòra; sibhse a tha a’ claoidh an fhìrein, a tha a’ gabhail duaise, agus a’ cur a’ bhochd a lethtaobh anns a’ gheata.
A‑nis uime sin, cluinn thusa facal an Tighearna: tha thu ag ràdh, Na dèan fàistneachd an aghaidh Israeil, agus na sileadh d’fhacal an aghaidh taigh Isaaic.
Agus tha iad a’ sanntachadh mhachraichean, agus gan glacadh le fòirneart; agus thaighean, agus tha iad gan toirt air falbh: mar sin tha iad a’ sàrachadh duine agus a thaighe, duine mhòir agus a oighreachd.
A tha fòs ag ithe feòil mo shluaigh-sa, agus a’ fionnadh dhiubh an craicinn, agus a’ briseadh an cnàmh, agus gan gearradh nam bloighdean, mar fheòil airson na poite, agus mar bhiadh ann am meadhon a choire.
Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann.