Agus bidh òrain an teampaill nan ulartaich anns an là sin, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh: bidh mòran chorp marbha anns gach ionad: tilgidh iad gu tosdach a‑mach iad.
Agus chaidh aingeal an Tighearna a‑mach, agus bhuail e ann an camp nan Asirianach ceud agus ceithir-fichead agus còig mìle; agus nuair a dh’èirich daoine anns a’ mhadainn, bha iad sin uile nan cuirp mharbha.
Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna mu thimcheall Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, Cha dèan iad caoidh air a shon, ag ràdh, Och mo bhràthair! no, Och mo phiuthar! Cha dèan iad caoidh air a shon, ag ràdh, Och a thighearna! no, Och a ghlòir-san!
Tha seanairean nighean Shioin nan suidhe air an làr, tha iad nan tosd; chuir iad duslach air an ceann: chrioslaich iad iad fhèin le sac-èideadh: tha òighean Ierusaleim a’ cromadh sìos an cinn gu làr.
Gabhaibh nàire, O threabhaichean: dèanaibh-se caoidh, O luchd-deasachaidh na fìonain, airson a’ chruithneachd, agus airson an eòrna: a chionn gun do mheath fogharadh na machrach.
Crioslaichibh sibh fhèin le aodach-saic, agus tuiribh, O shagartan: dèanaibh ulartaich, a luchd-frithealaidh na h‑altarach: thigibh, laighibh fad na h‑oidhche ann an aodach-saic, òglacha mo Dhè: oir tha an tabhartas-bìdh agus an tabhartas-dibhe, air a chumail air ais o thaigh ar Dè.
Dùisgibh, a mhisgearan, agus guilibh; agus dèanaibh-se caoidh, uile phòitearan fìona, airson an fhìon-nuaidh, oir tha e air a ghearradh air falbh o ur beul.
An sin thubhairt Maois ri Aaron, Is e seo an nì a labhair an Tighearna, ag ràdh, Anntasan a thig am fagas dhomh naomhaichear mise, agus an làthair an t‑sluaigh uile glòraichear mi. Agus dh’fhan Aaron na thosd.
Chuir mi nur measg a’ phlàigh, a rèir nòs na h‑Eiphit; mharbh mi ur n‑òganaich leis a’ chlaidheamh, agus thug mi air falbh ur n‑eich, agus thug mi air droch fhàile ur campa teachd a‑nìos gu ur pollairean: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.
Oir mar seo tha Iehòbhah, Dia nan sluagh, an Tighearna, ag ràdh, Bidh caoidh anns na h‑uile shràidean; agus their iad anns na h‑uile rathaidean mòra, Mo thruaighe, mo thruaighe! Agus gairmidh iad an treabhaichean gu bròn, agus iadsan a tha eòlach air caoidh gu tuireadh.
A tha a’ laighe air leapaichean deud-chnàmh, agus gan sìneadh fhèin air an uirighean; a tha ag ithe uain an treud, agus nan laogh à meadhon an taigh-bhiadhaidh:
Mhionnaich an Tighearna Iehòbhah air fhèin, tha Iehòbhah, Dia nan sluagh ag ràdh, Is gràin leam òirdheirceas Iàcoib, agus is fuath leam a lùchairtean: uime sin bheir mi seachad am baile, agus gach nì a tha ann.
Agus tionndaidhidh mi ur fèillean gu bròn, agus ur n‑òrain uile gu tuireadh; agus bheir mi air na h‑uile leasraidh aodach-saic, agus air gach aon cheann maoile, agus nì mi e mar chumha airson aon mhic, agus a chrìoch mar là searbh.
Togaidh am marcaich suas araon an claidheamh loinnireach, agus an t‑sleagh lìomhaidh; agus tha mòran de mhairbh ann, agus àireamh mòr de chuirp: chan eil crìoch air an cairbhean; tha iad a’ tuisleachadh air an cuirp: