Agus, feuch, sheas an Tighearna os a chionn, agus thubhairt e, Is mise an Tighearna, Dia Abrahàim d’athair, agus Dia Isaaic: am fearann air a bheil thu ad laighe, bheir mise dhut e, agus dod shliochd;
Agus bhuail e na Mòabaich, agus thomhais e iad le còrd, gan tilgeadh sìos gu làr: eadhon le dà chòrd thomhais e a thabhairt bàis, agus le aon chòrd iomlan a ghleidheadh beò. Agus bha na Mòabaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tìodhlacan leo.
Agus sìnidh mi a‑mach os cionn Ierusaleim sreang-thomhais Shamaria, agus sreang-riaghailt taigh Ahaib: agus glanaidh mi as Ierusalem mar a ghlanas neach soitheach, ga ghlanadh, agus a’ tionndadh a bheòil foidhe.
Agus tomhaisidh mise a‑mach breitheanas leis an riaghailt, agus ceartas leis an t‑sreing-thomhais; agus sguabaidh a’ chlach-mheallain air falbh an dìdein-bhrèige, agus còmhdaichidh na h‑uisgeachan an t‑àite-falaich.
Ach sealbhaichidh am pelican agus a’ ghràineag i; agus gabhaidh a’ chailleach-oidhche agus am fitheach còmhnaidh innte; agus sìnidh e thairis oirre sreang an lèirsgrios, agus clachan na faoineachd.
Tha an Tighearna fo rùn ballachan nighean Shioin a mhilleadh; shìn e a‑mach sreang, cha do chùm e a làmh o mhilleadh; ach thug e air an daingneach agus air a’ bhalla caoidh; shearg iad as le chèile.
Agus thug e an sin mi, agus feuch, duine, agus a dhreach mar dhreach umha, le sreing lìn na làimh, agus le slait-thomhais; agus sheas e anns a’ gheata.
Agus thubhairt an Tighearna rium; Ciod tha thu a’ faicinn, Amois? Agus thubhairt mise, Sreang-riaghailt. An sin thubhairt an Tighearna, feuch, cuiridh mise sreang-riaghailt ann am meadhon mo shluaigh Israel; cha ghabh mi nas mò seachad orra tuilleadh.
Oir cò a rinn dìmeas air là nan nithean beaga? Nì eadhon iadsan gàirdeachas, agus chì iad an t‑sreang-thomhais an làimh Sherubabeil. Is iad an t‑seachdnar seo sùilean an Tighearna; tha iad a’ ruith sìos agus suas air feadh na talmhainn uile.
Agus thugadh dhomh cuilc cosmhail ri slait: agus sheas an t‑aingeal, ag ràdh, Eirich, agus tomhais teampall Dhè, agus an altair, agus iadsan a tha a’ dèanamh adhraidh ann.