Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Amos 5:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, A’ chathair a chaidh a‑mach na mìle, fàgaidh i ceud; agus i sin a chaidh a‑mach na ceud, fàgaidh i deichnear aig taigh Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Gum bi ar daimh làidir gu obair, nach bi briseadh a‑steach ann no dol a‑mach, agus nach bi gearan nar sràidean.

Mura biodh gun d’fhàg Tighearna nan sluagh iarmad ro‑bheag againn, is ann a bhitheamaid mar Shòdom, bhitheamaid cosmhail ri Gomorrah.

Oir ged bhiodh do shluagh, O Israeil, mar ghaineamh na fairge, cha till ach fuidheall dhiubh. An lèirsgrios a dh’òrdaicheadh, ruithidh e thairis le ceartas.

Ach fhathast bidh deicheamh innte; agus tillidh e, agus caithear e; mar an cuileann agus an darach, aig a bheil brìgh annta, ged thilg iad an duilleach; mar sin bidh sìol naomh na bhrìgh inntese.

Agus fàgaidh mi beagan fhear dhiubh on chlaidheamh, on ghort, agus on phlàigh, a‑chum gun cuir iad an cèill an uile ghràinealachdan am measg nan cinneach gus an tig iad; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.

Agus tàrlaidh, ma dh’fhanas deichnear fhear ann an aon taigh, gum faigh iad bàs.

Tha Esaias mar an ceudna ag èigheach mu thimcheall Israeil, Ged tha àireamh chloinn Israeil mar ghaineamh na fairge, is fuidheall a thèarnar.

Agus fàgar sibh tearc ann an àireamh, an àite gu robh sibh mar reultan nèimh an lìonmhorachd; a chionn nach d’èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia.

Agus tàrlaidh, mar a rinn an Tighearna gàirdeachas os ur cionn a dhèanamh maith dhuibh, agus gu ur dèanamh lìonmhor, mar sin gun dèan an Tighearna gàirdeachas os ur cionn gu ur sgrios, agus gu ur toirt gu neoni: agus spìonar sibh as an fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh.

Agus sgapaidh an Tighearna sibh am measg nan cinneach, agus fàgar sibh tearc an àireamh am measg nan cinneach, far an toir an Tighearna sibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan