Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Amos 5:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thuit, agus chan èirich nas mò, òigh Israeil: tha i sìnte a‑mach air a fearann fhèin; chan eil neach ann ga togail suas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Ann an làithean Phecah rìgh Israeil thàinig Tiglat-pileser rìgh Asiria, agus ghlac e Iion, agus Abel-bet-maachah, agus Ianòah, agus Cedes, agus Hasor, agus Gilead, agus Galile, uile thìr Naphtali, agus thug e nam braighdean iad gu Asiria.

Agus thrèig iad uile àitheantan an Tighearna an Dia, agus rinn iad dhaibh fhèin dealbhan leaghte, eadhon dà laogh, agus rinn iad doire, agus rinn iad adhradh do uile armailt nèimh, agus rinn iad seirbhis do Bhàal.

Ullaichibh àr airson a chloinne, airson aingidheachd an athraichean: a‑chum nach èirich iad, agus nach sealbhaich iad an talamh, agus nach lìon iad aghaidh an domhain le bailtean.

Bidh an tìr a’ gluasad thuige agus uaithe mar mhisgear; agus atharraichear i mar bhothan-tàimh: oir laighidh a h‑aingidheachd gu trom oirre; agus tuitidh i, agus chan èirich i nas mò.

Oir tha Ierusalem air aomadh sìos, agus Iùdah air tuiteam; a chionn gu bheil an teanga agus an dèanadas an aghaidh an Tighearna, a chur cathachaidh air sùilean a ghlòire.

Seo am facal a labhair an Tighearna ma thimcheall-san: Rinn òigh-nighean Shioin tàir ort, rinn i gàire fanaid riut; chrath nighean Ierusaleim a ceann air do chùlaibh.

A bheir a‑mach an carbad agus an t‑each, an armailt agus am feachd; le chèile laighidh iad sìos, agus chan èirich iad; chuireadh as iad, mhùchadh iad mar asgart.

Agus labhraidh tu riu am facal seo: Sileadh mo shùilean le deòir a dh’oidhche is a là, agus na sguireadh iad: oir tha òigh-nighean mo shluaigh air a dochann le dochann mòr, le buille ro‑chràiteach.

Uime sin mar seo deir an Tighearna, Feòraichibh a‑nis am measg nan cinneach, cò a chuala an samhail seo de nithean? Rinn òigh Israeil nì ro‑ghràineil.

A tha ag ràdh ri mìr fiodha, Is tu m’athair; agus ri cloich, Is tu a ghin mi; oir thionndaidh iad riumsa an cùl, is chan i an aghaidh; ach ann an àm an airce their iad, Eirich, agus teasairg sinn.

A‑rìs togaidh mi thu, agus bidh tu air do thogail, O òigh Israeil; a‑rìs sgeadaichear thu led thiompanan, agus thèid thu a‑mach ann an dannsa na muinntir a nì aighear.

Tha lèirsgrios air lorg lèirsgrios air a ghairm: gu cinnteach tha an tìr gu h‑iomlan creachte: gu h‑obann chreachadh mo phàilleanan, mo sgàileachan ann an tiota.

Agus gheibh an t‑uaibhreach tuisleadh agus leagadh, agus cha bhi neach ann a thogas suas e: agus fadaidh mise teine na bhailtean, agus loisgidh e gach nì mun cuairt dha.

Agus their thu, Mar seo thèid Bàbilon fodha, agus chan èirich i nas mò, do bhrìgh an uilc a bheir mise oirre; agus claoidhear iad. An fhad seo briathran Ieremiah.

Os bàrr, their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, An tuit iad agus nach èirich iad a‑rìs? An tèid e air falbh, agus nach till e air ais?

Oir tha am bàs air teachd an àird gus ar n‑uinneagan, air teachd a‑steach gus ar lùchairtean; thàinig e a ghearradh sìos araon an naoidhein anns a’ mhachair agus nan òganach anns na sràidean.

Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc? deir an Tighearna: air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas?

Ciod a thàirngeas mi mar fhianais ad aghaidh? Ciod an nì a shamhlaicheas mi riut, O nighean Ierusaleim? Ciod a choimeasas mi riut, a‑chum gun tugainn comhfhurtachd dhut, O òigh-nighean Shioin? Oir tha do bhriseadh mòr mar an fhairge; cò a dh’fhaodas do leigheas?

Till, O Israeil, ris an Tighearna do Dhia, oir thuit thu led aingidheachd.

An ceann dà là nì e ar n‑ath-bheothachadh, air an treas là dùisgidh e suas sinn, agus bidh sinn beò na shealladh.

Iadsan a tha a’ mionnachadh air peacadh Shamaria, agus ag ràdh, Tha do dhia-sa beò, O Dhain, agus tha cùis-adhraidh Bheer-sèba beò; tuitidh eadhon iadsan, agus chan èirich iad suas gu bràth tuilleadh.

Anns an là sin togaidh mise suas pàillean Dhaibhidh a tha air tuiteam, agus dùinidh mi suas a bheàrnan; agus togaidh mi suas a làraichean, agus cuiridh mi suas e mar anns na làithean o shean:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan