Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Amos 3:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Am beuc an leòmhann anns a’ choille, nuair nach eil creach air bith aige? An èigh an leòmhann òg as a’ gharaidh, mura do ghlac e aon nì?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Beucaidh na leòmhainn òga airson cobhartaich, agus ag iarraidh am bìdh air Dia.

Siùbhlaidh iad an dèidh an Tighearna: beucaidh e mar leòmhann: nuair a bheucas e, an sin criothnaichidh na mic on àird an iar.

Gu deimhinn bidh mise mar leòmhann do Ephraim, agus mar leòmhann òg do thaigh Iùdah: reubaidh mise, eadhon mise fhèin, agus imichidh mi romham; bheir mi leam, agus cha bhi aon neach ann a thèarnas.

Agus thubhairt e, Beucaidh Iehòbhah o Shion, agus o Ierusalem cuiridh e a‑mach a ghuth; agus nì ionadan-còmhnaidh nam buachaillean bròn, agus seargaidh mullach Charmeil.

Am faod dithis imeachd le chèile, mura bi iad rèidh?

Am faod eun tuiteam ann an lìon air an talamh, far nach eil aon ribe air a shon? An tog neach eangach suas on talamh, agus gun nì air bith a ghlacadh?

Bheuc an leòmhann; cò air nach bi eagal? Labhair an Tighearna Iehòbhah, cò nach dèanadh fàistneachd?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan