Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Amos 2:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cuiridh mi teine air Iùdah, agus loisgidh e lùchairtean Ierusaleim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus loisg e taigh an Tighearna, agus taigh an rìgh, agus taighean Ierusaleim uile; agus gach uile thaigh mòr loisg e le teine.

Ach mura èisd sibh riumsa, a‑chum là na sàbaid a naomhachadh, agus gun uallach a ghiùlan, a’ dol a‑steach air geatachan Ierusaleim air là na sàbaid, an sin fadaidh mise teine na geatachan, agus loisgidh e lùchairtean Ierusaleim, agus chan fhaodar a mhùchadh.

Oir chuir mise mo ghnùis an aghaidh a’ bhaile seo airson uilc, agus chan ann airson maith, deir an Tighearna; do làimh rìgh Bhàbiloin bheirear thairis e, agus loisgidh esan e le teine.

Agus loisg na Caldèanaich taigh an rìgh, agus taighean an t‑sluaigh le teine, agus bhris iad sìos ballachan Ierusaleim.

Agus loisg e taigh an Tighearna, agus taigh an rìgh; agus uile thaighean Ierusaleim, eadhon a h‑uile taigh mòr loisg e le teine.

Oir dhìochuimhnich Israel a Chruithear, agus thog e teampaill: agus chuir Iùdah an lìonmhorachd cathraichean daingeann: ach cuiridh mise teine air a chathraichean, agus loisgidh e a lùchairtean.

Ach cuiridh mise teine air taigh Hasaeil, a loisgeas lùchairtean Bhen-hadaid.

Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Bidh eascaraid fòs mun cuairt air an fhearann; agus bheir e a‑nuas do neart uat, agus creachar do lùchairtean.

Agus buailidh mi an taigh-geamhraidh maille ris an taigh-shamhraidh; agus sgriosar na taighean ìbhiridh, agus thig crìoch air na taighean mòra, deir an Tighearna.

Mar seo thaisbein an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa; agus, feuch, ghairm an Tighearna Iehòbhah gu breitheanais le teine, agus loisg e an doimhne mhòr: agus shluig e suas earrann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan