Oir a chionn gun d’earb thu à do mhaoin, agus à d’ionmhasan, air an adhbhar sin bidh tu fhèin fòs air do ghlacadh: agus thèid Chemos air falbh ann am braighdeanas, a shagartan agus a uachdarain maille ris.
Oir is aithne dhòmhsa ur lochdan lìonmhor, agus ur peacaidhean mòra; sibhse a tha a’ claoidh an fhìrein, a tha a’ gabhail duaise, agus a’ cur a’ bhochd a lethtaobh anns a’ gheata.
Chì mi e, ach chan ann a‑nis; amhaircidh mi air, ach chan ann am fagas: thig reul a‑mach à Iàcob, agus èiridh slat rìoghail à Israel, agus buailidh i oisnean Mhòaib, agus cuiridh i as do chloinn Shet uile.