A tha ag ràdh ris na fir-sheallaidh, Na faicibh; agus ris an fàidhean, Na labhraibh nithean cearta rinn ann am fàistneachd; labhraibh rinn nithean mìne; dèanaibh fàistneachd cheilge:
Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna, A‑thaobh muinntir Anatoit, a tha ag iarraidh d’anama, ag ràdh, Na dèan fàistneachd ann an ainm Iehòbhah, mum faigh thu bàs le ar làimh-ne:
A‑nis uime sin, cluinn thusa facal an Tighearna: tha thu ag ràdh, Na dèan fàistneachd an aghaidh Israeil, agus na sileadh d’fhacal an aghaidh taigh Isaaic.
Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a dhealaicheas aon chuid bean no fear iad fhèin a bhòideachadh bòid Nàsaraich, a‑chum iad fhèin a dhealachadh don Tighearna;
O fhìon agus o dhibh làidir sgaraidh e e fhèin; fìon-geur fìona, no fìon-geur dibhe làidir chan òl e, cha mhò a dh’òlas e a’ bheag de shùgh nam fìondhearcan, cha mhò a dh’itheas e fìondhearcan ùr no tioram.