Agus chaidh e a‑mach, agus chog e an aghaidh nam Philisteach, agus bhris e sìos balla Ghait, agus balla Iabneith, agus balla Asdoid; agus thog e bailtean ann an Asdod, agus am measg nam Philisteach.
Agus cuiridh mi teine air Magog, agus am measg na muinntir a tha a chòmhnaidh gu neo-umhailteach anns na h‑eileanan; agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna.
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Ghàsa, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun tug iad a’ bhruid uile air falbh ann am braighdeanas, a‑chum an toirt seachad do Edom.
Agus gearraidh mi am fear-àiteachaidh air falbh o Asdod, agus esan a ghlacas an t‑slat-rìoghail o Ascelon; agus tionndaidhidh mi mo làmh an aghaidh Ecroin: agus bàsaichidh fuidheall nam Philisteach, deir an Tighearna Iehòbhah.
A chàirdean gràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach thugaibh àite don fheirg: oir tha e sgrìobhte, Is leamsa dìoghaltas; ìocaidh mi, tha an Tighearna ag ràdh.
Dhòmhsa buinidh dìoghaltas, agus luigheachd; ri ùine sleamhnaichidh an cas: oir tha là an sgrios am fagas, agus tha na nithean a thig orra a’ dèanamh deifir.