Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Amos 1:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Brisidh mi fòs crann-druididh Dhamascais, agus gearraidh mi as am fear-àiteachaidh o chòmhnard Abhein, agus esan a ghlacas an t‑slat-rìoghail o thaigh Edein: agus siùbhlaidh sluagh Shiria ann am bruid gu Cir, deir an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Ierobòaim, agus gach nì a rinn e, agus a thrèine, mar a chog e, agus mar a dh’aisig e Damascas, agus Hamat, a bu le Iùdah, do Israel, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?

Agus dh’èisd rìgh Asiria ris; oir chaidh rìgh Asiria suas an aghaidh Dhamascais, agus ghlac e e, agus thug e a shluagh leis ann am braighdeanas gu Cir, agus mharbh e Resin.

Agus tha Elam a’ giùlan a’ bhuilg-shaighead, le carbad de dhaoine agus le marc-shluagh; agus tha Cir a’ rùsgadh na sgèithe.

Mar seo deir an Tighearna, ur fear-saoraidh, Tì naomh Israeil, Air ur son-se chuir mi fios gu Bàbilon, agus thug mi a‑nuas a croinn-dhruididh uile, agus na Caldèanaich a nì uaill nan longan.

Oir mun aithne don leanabh M’athair agus Mo mhàthair a ràdh, togar air falbh saoibhreas Dhamascais agus creach Shamaria ro rìgh Asiria.

Claidheamh air na breugairean, agus bidh iad air mhì-chèill; claidheamh air a daoine cumhachdach agus bidh iad fo uamhann.

Leig laoich Bhàbiloin dhiubh cogadh, dh’fhan iad ann an daingnichean; dh’fhàilnich an treise, dh’fhàs iad mar mhnathan; loisgeadh a h‑ionadan-còmhnaidh; bhriseadh a croinn-dhruididh.

Tha a geatachan air dol sìos anns an talamh; mhill agus bhris e a croinn-dhruididh; tha a rìghrean agus a h‑uachdarain am measg nan cinneach; an lagh chan eil ann; aig a fàidhean fòs chan eil sealladh air bith on Tighearna.

B’iad Haran agus Canneh, agus Eden, ceannaichean Shèba, Asuir, agus Chìlmaid, do cheannaichean-sa.

Tuitidh òganaich Abhein agus Phibeseit leis a’ chlaidheamh, agus imichidh na bailtean seo gu daorsa.

Sgriosar fòs ionadan àrda Abhein, cionta Israeil: thig an droigheann agus am fòghnan a‑nìos air an altairean; agus their iad ris an slèibhtean, Falaichibh sinn, agus ris na beanntan, Tuitibh oirnn.

Ach na h‑iarraibh Betel, agus na rachaibh a‑steach gu Gilgal, agus na siùbhlaibh thairis gu Beer-sèba: oir thèid Gilgal gu deimhinn ann am braighdeanas, agus thig Betel gu neoni.

Nach eil sibh mar chloinn nan Etiopach dhòmhsa, O chlann Israeil? Tha an Tighearna ag ràdh. Nach tug mise Israel à tìr na h‑Eiphit: agus na Philistich à Caphtor, agus na Sirianaich à Cir?

Feuch, tha do dhaoine mar mhnathan ann ad mheadhon: sgaoilear gu farsaing dod naimhdean geatachan do thìre; caithidh an teine do chroinn-dhruididh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan