Agus thug Iòas mac Iehoahais air an ais à làimh Ben-hadaid mhic Hasaeil na bailtean a thug esan a làimh Iehoahais a athair anns a’ chogadh: trì uairean bhuail Iòas e, agus thug e air an ais bailtean Israeil.
Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh Hasaeil rìgh Shiria, agus do làimh Bhen-hadaid mhic Hasaeil, rè a làithean uile.
An sin thug Asa a‑mach airgead agus òr à ionmhasan taigh an Tighearna agus taigh an rìgh, agus chuir e teachdairean gu Benhadad rìgh Shiria a bha a chòmhnaidh an Damascas, ag ràdh,
Ach mura èisd sibh riumsa, a‑chum là na sàbaid a naomhachadh, agus gun uallach a ghiùlan, a’ dol a‑steach air geatachan Ierusaleim air là na sàbaid, an sin fadaidh mise teine na geatachan, agus loisgidh e lùchairtean Ierusaleim, agus chan fhaodar a mhùchadh.
Agus cuiridh mi teine air Magog, agus am measg na muinntir a tha a chòmhnaidh gu neo-umhailteach anns na h‑eileanan; agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna.
Oir dhìochuimhnich Israel a Chruithear, agus thog e teampaill: agus chuir Iùdah an lìonmhorachd cathraichean daingeann: ach cuiridh mise teine air a chathraichean, agus loisgidh e a lùchairtean.