Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Amos 1:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Dhamascais, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do bhuail iad Gilead le innealan-bualaidh iarainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus tachraidh, esan a thèid as o chlaidheamh Hasaeil, gum marbh Iehu e; agus esan a thèid as o chlaidheamh Iehu, gum marbh Elisa e.

Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh Hasaeil rìgh Shiria, agus do làimh Bhen-hadaid mhic Hasaeil, rè a làithean uile.

Agus cha d’fhàgadh aig Iehoahas den t‑sluagh ach lethcheud marcach, agus deich carbadan, agus deich mìle coisiche; oir sgrios rìgh Shiria iad, agus rinn e iad mar an duslach le bualadh.

Agus dh’èisd rìgh Asiria ris; oir chaidh rìgh Asiria suas an aghaidh Dhamascais, agus ghlac e e, agus thug e a shluagh leis ann am braighdeanas gu Cir, agus mharbh e Resin.

Agus thubhairt Hasael, Carson a tha mo thighearna a’ gul? Agus fhreagair esan, A chionn gu bheil fhios agam air an olc a nì thusa do chloinn Israeil: an daingnichean làidir cuiridh tu ri theine, agus an daoine òga marbhaidh tu leis a’ chlaidheamh, agus an clann bheag bruthaidh tu, agus am mnathan torrach reubaidh tu suas.

Na deich uairean seo mhaslaich sibh mi: cha nàir leibh gu bheil sibh cho coimheach rium.

Ann an sia teanntachdan saoraidh e thu, agus anns an t‑seachdamh cha tig olc an gar dhut.

Na sia nithean seo is fuathach leis an Tighearna; seadh, tha seachd nithean nan gràinealachd da anam:

Thoir cuibhreann do sheachdnar, agus mar an ceudna do ochdnar; oir chan eil fhios agad ciod an t‑olc a bhios air an talamh.

Oir chan eil a’ mheanbh-pheasair air a bualadh le inneal-bualaidh: cha mhò a bheirear air roth feuna tionndadh air a’ chumin; ach tha a’ mheanbh-pheasair air a bhualadh le slait, agus an cumin le luirg.

Feuch, nì mise thu ad inneal-bualaidh geur nodha, aig am bi fiaclan; buailidh tu na slèibhtean, agus pronnaidh tu gu mìn iad; agus nì thu na cnuic mar mholl.

Oir mun aithne don leanabh an t‑olc a dhiùltadh, agus am math a roghnachadh, fàsaichear fearann an dà rìgh leis a bheil thu air do chlaoidh.

Ged as e ceann Shiria Damascas, agus ceann Dhamascais Resin; gidheadh an taobh a‑staigh de chòig agus trì-fichead bliadhna, bidh Ephraim air a bhriseadh, ionnas nach bi e na chinneach:

Oir mun aithne don leanabh M’athair agus Mo mhàthair a ràdh, togar air falbh saoibhreas Dhamascais agus creach Shamaria ro rìgh Asiria.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Edoim, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do ruaig e a bhràthair leis a’ chlaidheamh, agus gun do thilg e uaithe a h‑uile iochd, agus gun do reub a fhearg a‑ghnàth, agus gun do ghlèidh e a chorraich an còmhnaidh.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan chloinn Amoin, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do reub iad suas mnathan torrach Ghilead, a‑chum an crìochan fhèin a chur ann am farsaingeachd.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Ghàsa, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun tug iad a’ bhruid uile air falbh ann am braighdeanas, a‑chum an toirt seachad do Edom.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Thìruis, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun tug iad suas a’ bhruid uile do Edom, agus nach do chuimhnich iad an coicheangal bràthaireil.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Mhòaib, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do loisg e cnàmhan rìgh Edoim gu aol.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Iùdah, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do rinn iad dìmeas air reachd an Tighearna, agus nach do choimhead iad a àitheantan; agus thug an diathan brèige orra dol air seachran, iad sin a chaidh an athraichean air an dèidh.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Israeil, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do reic iad am fìrean airson airgid, agus am bochd airson bhròg.

Fàistneachd facal an Tighearna. Air fearann Hadraich, agus air Damascas gabhaidh i làmh: (oir tha sùil gach duine, agus uile threubhan Israeil, air an Tighearna).

Agus fòs air Hamat a tha làimh ris; air Tìrus agus air Sìdon, ged tha i ro‑ghlic.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan