Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Amos 1:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cuiridh mi teine air balla Thìruis, a loisgeas àrois rìoghail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Airson an là a tha a’ teachd a chreachadh nam Philisteach uile, agus a ghearradh air falbh o Thìrus agus o Shìdon gach fear-cuideachaidh a mhaireas: oir creachaidh an Tighearna na Philistich, fuidheall tìr Chaphtoir.

Agus nì iad creach ded shaoibhreas agus nì iad cobhartach ded cheannachd; agus brisidh iad sìos do bhallachan, agus millidh iad do thaighean taitneach; agus leagaidh iad do chlachan, agus d’fhiodh, agus do dhuslach ann am meadhon an uisge.

Agus sgriosaidh iad ballachan Thìruis, agus brisidh iad sìos a bàbhainn: tàirngidh mise fòs a duslach uaipe, agus nì mi i mar mhullach creige.

Le lìonmhorachd d’euceartan thruaill thu d’ionadan naomha, le euceart do mhalairt; uime sin bheir mise a‑mach teine as do mheadhon, caithidh e thu, agus nì mise luath dhìot air an talamh, ann an sealladh nan uile a chì thu.

Seadh, agus ciod ur gnothach-se riumsa, O Thìruis, agus a Shìdoin, agus uile chrìochan Phalistin? An dìol sibh rium luigheachd? A‑nis ma bheir sibh dhomh luigheachd, gu luath, gu grad dìolaidh mi ur luigheachd air ur ceann fhèin;

Ach cuiridh mise teine air taigh Hasaeil, a loisgeas lùchairtean Bhen-hadaid.

Ach cuiridh mi teine air balla Ghàsa, a sgriosas a lùchairtean.

Feuch, tilgidh an Tighearna a‑mach i, agus buailidh e anns an fhairge a neart; agus sgriosar i le teine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan