Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



3 Eòin 1:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir rinn mi gàirdeachas gu mòr nuair a thàinig na bràithrean, agus a rinn iad fianais don fhìrinn a tha annadsa, mar a tha thusa ag imeachd anns an fhìrinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Am chridhe dh’fhalaich mi d’fhacal, a‑chum nach peacaichinn ad aghaidh.

Agus anns na làithean sin dh’èirich Peadar ann am meadhon nan deisciobal, agus thubhairt e (b’e àireamh nan ainm a bha an làthair, mu thimcheall ceud agus fichead).

Cha dèan e gàirdeachas anns an eucoir, ach nì e gàirdeachas anns an fhìrinn;

Uime sin a rèir mar a tha cothrom againn, dèanamaid math do na h‑uile dhaoine, ach gu h‑àraidh dhaibh-san a tha de theaghlach a’ chreidimh.

A‑ghnàth ann am uile ùrnaighean air ur son-se uile, le gàirdeachas a’ dèanamh guidhe,

Airson na fìrinn a tha na còmhnaidh annainne, agus a bhios maille rinn gu bràth:

Bha gàirdeachas mòr orm, do bhrìgh gun d’fhuair mi cuid ded chloinn-sa ag imeachd anns an fhìrinn, a rèir mar a fhuair sinne àithne on Athair.

Uime sin ma thig mi, cuiridh mi an cuimhne a obraichean a tha e a’ dèanamh, a’ bith-labhairt nar n‑aghaidh le briathran aingidh: agus cha leòr leis sin, ach cha mhò a tha e fhèin a’ gabhail ris na bràithrean, agus tha e a’ bacadh na dream leis am b’àill, agus gan tilgeadh a‑mach as an eaglais.

A bhràthair ghràdhaich, is e mo ghuidhe a‑thaobh gach uile nì gun soirbhicheadh leat, agus gum biodh tu slàn, mar a tha soirbheachadh led anam.

Chan eil gàirdeachas agam as mò na bhith a’ cluinntinn gu bheil mo chlann ag imeachd anns an fhìrinn.

A bhràthair ghràdhaich, is dìleas a nì thu gach nì a tha thu a’ dèanamh do na bràithrean, agus do choigrich;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan