Agus gu deimhinn bha e tinn fagas don bhàs: gidheadh rinn Dia tròcair air; agus cha b’ann airsan a‑mhàin, ach ormsa mar an ceudna, a‑chum nach biodh doilgheas air muin doilgheis orm.
Tha e mar fhiachan oirnne buidheachas a thoirt do Dhia a‑ghnàth air ur son-se, a bhràithrean, mar as cubhaidh, do bhrìgh gu bheil ur creideamh a’ fàs gu ro‑mhòr, agus gu bheil gràdh gach aoin agaibh uile a’ meudachadh da chèile:
Ach tha e mar fhiachan oirnne buidheachas a thoirt do Dhia a‑ghnàth air ur son-se, a bhràithrean ionmhainn don Tighearna, do bhrìgh gun do thagh Dia sibh o thùs a‑chum slàinte, tre naomhachadh an Spioraid, agus creidsinn na fìrinn:
Ach ro na h‑uile nithean, mo bhràithrean, na tugaibh mionnan, aon chuid air nèamh, no air an talamh, no air mionnan sam bith eile: ach guma h‑e ur còmhradh, Seadh, seadh, agus Chan eadh, chan eadh; air eagal gun tuit sibh ann an dìteadh.
Is aithne dhomh d’obraichean, agus d’àmhghar, agus do bhochdainn (gidheadh, tha thu beartach), agus is aithne dhomh toibheum na muinntir a their gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach sionagog Shàtain.