Chuir mi luchd-faire air do bhallachan, O Ierusaleim; rè an là, agus rè na h‑oidhche, cha bhi iad nan tosd; sibhse a tha a’ dèanamh luaidh air ainm an Tighearna, na bithibh-se nur tosd;
A mhic an duine, labhair ri cloinn do shluaigh, agus abair riu, Nuair a bheir mise an claidheamh air dùthaich, ma ghabhas muinntir na dùthcha duine den crìochan fhèin, agus gun cuir iad e gu bhith na fhear-faire dhaibh;
Mar sin thusa, a mhic an duine, chuir mi thu mar fhear-faire a‑chum taigh Israeil: uime sin èisdidh tu am facal om bheul-sa, agus bheir thu dhaibh rabhadh uamsa.
Oir tha Mac an Duine mar dhuine a chaidh air thuras, agus a dh’fhàg a thaigh fhèin, agus a thug da sheirbhisich cumhachd, agus a obair fhèin do gach neach, agus a thug àithne don dorsair faire a dhèanamh.
Is beannaichte na seirbhisich sin a gheibh an Tighearna, nuair a thig e, ri faire: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun crioslaich e e fhèin mun cuairt, agus gun cuir e nan suidhe iad a‑chum bìdh, agus gun tig e a‑mach agus gun dèan e frithealadh dhaibh.
Agus air an là màireach, air dhuinne a bha de chuideachd Phòil imeachd, thàinig sinn gu Cesarèa; agus chaidh sinn a‑steach do thaigh Philip an soisgeulaiche (a bha den t‑seachdnar), agus dh’fhan sinn aige.
Le cumhachd chomharraidhean agus mhìorbhailean, le cumhachd Spiorad Dhè; ionnas o Ierusalem agus mun cuairt gu Iliricum, gun do làn-shearmonaich mi soisgeul Chrìosd.
Agus thug e dream àraidh gu bhith nan abstoil; dream eile, gu bhith nam fàidhean; agus dream eile, gu bhith nan soisgeulaichean; agus dream eile, gu bhith nan aodhairean, agus nan luchd-teagaisg;
Na dèanadh duine sam bith tarcais air d’òige; ach bi thusa ad eisempleir do na creidmhich, ann am facal, ann an caitheamh-beatha, ann an gràdh, ann an spiorad, ann an creideamh, ann am fìorghlaine.
Uime sin tha mi ag iomchar nan uile nithean airson nan daoine taghte, a‑chum gum faigh iadsan mar an ceudna an t‑slàinte a tha ann an Iosa Crìosd, maille ri glòir shìorraidh.
Gidheadh, sheas an Tighearna làimh rium, agus neartaich e mi; a‑chum tromhamsa gum biodh an searmonachadh air a làn-fhoillseachadh, agus gun cluinneadh na cinnich uile e: agus shaoradh mi à beul an leòmhainn.
Bithibh umhail dur cinn-iùil, agus thugaibh gèill dhaibh: oir tha iad ri faire air ur n‑anaman, mar mhuinntir don èiginn cunntas a thoirt uapa, a‑chum gun dèan iad e le gàirdeachas, agus chan ann le doilgheas: oir tha seo neo-thairbheach dhuibhse.
Uime sin crioslaichibh leasraidh ur n‑inntinn, bithibh measarra, agus biodh dòchas diongmhalta agaibh as a’ ghràs a bheirear dhuibh aig foillseachadh Iosa Crìosd;