Oir thig an t‑àm anns nach bi fulang aca air teagasg fallain: ach air do chluasan tachasach a bhith aca, càrnaidh iad suas dhaibh fhèin luchd-teagaisg a rèir an ana-miann;
An sin thubhairt Eliah ris an t‑sluagh, Dh’fhàgadh mise, eadhon mise a‑mhàin am fhàidh leis an Tighearna; ach tha fàidhean Bhàail ceithir cheud agus lethcheud fear an àireamh.
Agus thubhairt rìgh Israeil ri Iehosaphat, Tha fhathast aon fhear ann, Micaiah mac Imlah, leis an faod sinn fiosrachadh den Tighearna; ach tha fuath agam dha, oir cha mhath a chuireas e air mo mhanadh-sa, ach olc. Agus thubhairt Iehosaphat, Na abradh an rìgh mar sin.
A tha ag ràdh ris na fir-sheallaidh, Na faicibh; agus ris an fàidhean, Na labhraibh nithean cearta rinn ann am fàistneachd; labhraibh rinn nithean mìne; dèanaibh fàistneachd cheilge:
An sin thubhairt iad, Thigibh, agus dealbhamaid innleachdan an aghaidh Ieremiah: oir cha bhàsaich an reachd on t‑sagart, no comhairle on eagnaidh, no am facal on fhàidh. Thigibh, agus buaileamaid e leis an teangaidh, agus na tugamaid aire do aon de a bhriathran.
Uime sin na èisdibh-se ri ur fàidhean, no ri ur fiosaichean, no ri ur bruadaraichean, no ri ur speuradairean, no ri ur draoidhean, a tha a’ labhairt ribh, ag ràdh, Cha toir sibh gèill do rìgh Bhàbiloin:
Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Na meallar sibh leis na fàidhean a tha nur measg, agus le ur luchd-fiosachd; cha mhò a dh’èisdeas sibh ri ur bruadair a tha sibh a’ toirt fa‑near a bhruadar.
Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige; agus na sagartan a’ riaghladh air an làimh-san; agus is ait lem shluagh-sa e a bhith mar sin; ach ciod a nì sibh ann an deireadh na cùise?
Ma nì duine sam bith, ag imeachd ann an spiorad brèige, agus ceilg, fàistneachd dhut airson fìona agus airson dibhe làidir, bidh eadhon esan na fhàidh don t‑sluagh seo.
Agus anns an uair sin fhèin dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean làmh a chur ann; ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd seo.
(Oir cha do chaith muinntir na h‑Aithne uile, agus na coigrich a bha air chuairt nam measg, an ùine ri nì air bith eile ach ri innse no ri cluinntinn nì‑eigin nuadh.)
Agus nuair a thàinig mise dur n‑ionnsaigh-se, a bhràithrean, cha b’ann le òirdheirceas cainnte no gliocais a thàinig mi, a’ cur an cèill dhuibh teisteas Dhè:
Do luchd-strìopachais, do luchd-ana-miannan mì‑nàdarra, do luchd-goid dhaoine, do bhreugairean, do luchd-eithich, agus ma tha nì sam bith eile a tha an aghaidh teagaisg fhallain,