Nuair a thèid thu maille rid eascaraid a‑chum an uachdarain, dèan dìcheall anns an t‑slighe air a bhith air do shaoradh uaithe; air eagal gun tarraing e a‑chum a’ bhritheimh thu, agus gun toir am britheamh thairis don mhaor thu, agus gun tilg am maor am prìosan thu.
Nuair a chuireas mi Artèmas ad ionnsaigh, no Tichicus, dèan dìcheall air teachd am ionnsaigh gu Nicopolis: oir is ann an sin a chuir mi romham an geamhradh a chaitheamh.
Ach tha dòchas agam d’fhaicinn gun dàil, agus labhraidh sinn beul ri beul. Sìth maille riut. Tha na càirdean a’ cur fàilte ort. Cuir fàilte air na càirdean air an ainm.