Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Timòteus 4:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An fhallaing a dh’fhàg mi ann an Tròas aig Carpus, nuair a thig thu, thoir leat, agus na leabhraichean, ach gu h‑àraidh na meambranan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus an tì lem b’àill thusa a thagradh anns an lagh, agus do chòta a bhuntainn dhìot, leig leis d’fhallaing mar an ceudna.

Uime sin air dhuinn long a ghabhail o Thròas, thàinig sinn gu dìreach gu Samotràcia, agus air an là na dhèidh sin gu Neapolis;

Agus air dhaibh gabhail seachad air Misia, chaidh iad sìos gu Tròas.

Air dhaibh a bhith gu h‑àraidh brònach airson nam briathran seo a thubhairt e, nach faiceadh iad a ghnùis-san nas mò. Agus thug iad coimheadachd dha a‑chum na luinge.

Gus an uair seo fhèin, tha sinn araon acrach, agus ìotmhor, agus lomnochd, agus air ar bualadh le dùirn, agus gun aon àite-còmhnaidh seasmhach againn:

Ann an saothair agus sgìos, ann am fairean gu minig, ann an acras agus tart, ann an trasgadh gu minig, ann am fuachd agus ann an lomnochdaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan