Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Timòteus 4:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach chuir mi Tichicus gu Ephesus.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig e gu Ephesus, agus dh’fhàg e iadsan an sin: ach chaidh e fhèin a‑steach don t‑sionagog, agus reusonaich e ris na h‑Iùdhaich.

Ach ghabh e a chead dhiubh, ag ràdh, Is èiginn dhomh, air gach aon chor, an fhèill seo a tha a’ teachd a choimhead ann an Ierusalem: ach tillidh mi a‑rìs dur n‑ionnsaigh-se, mas toil le Dia. Agus sheòl e o Ephesus.

Agus thàrladh, nuair a bha Apollos ann an Corintus, air do Phòl dol tro na crìochan uachdarach, gun tàinig e gu Ephesus. Agus air faotainn dheisciobal àraidh,

Agus a‑nis feuch, tha fhios agam nach faic sibhse uile, am measg an d’imich mi a’ searmonachadh rìoghachd Dhè, mo ghnùis nas mò.

Agus chaidh na chuideachd gu Asia, Sopater o Bherèa; agus de mhuinntir Thesalonìca, Aristarchus agus Secundus; agus Gaius o Dherbe, agus Timòteus; agus de mhuinntir na h‑Asia, Tichicus agus Trophimus.

Ach a‑chum gum bi fhios agaibhse mar an ceudna air na nithean a bhuineas dhòmhsa, agus ciod a tha mi a’ dèanamh, foillsichidh Tichicus, bràthair gràdhach agus ministear fìrinneach anns an Tighearna, na h‑uile nithean dhuibh:

Neach a chuir mi dur n‑ionnsaigh airson an adhbhair seo fhèin, a‑chum gum biodh fios nan nithean a bhuineas dhuinne agaibh, agus gun tugadh e comhfhurtachd dur cridhe.

Foillsichidh Tichicus, bràthair gràdhach, agus ministear dìleas, agus co‑sheirbhiseach anns an Tighearna, gach nì dhuibh mum thimcheall-sa:

Mar a dh’iarr mi ort fantainn ann an Ephesus, nuair a chaidh mi do Mhacedònia, a‑chum gun tugadh tu òrdagh do dhream àraidh gun atharrachadh teagaisg a thoirt uapa;

Nuair a chuireas mi Artèmas ad ionnsaigh, no Tichicus, dèan dìcheall air teachd am ionnsaigh gu Nicopolis: oir is ann an sin a chuir mi romham an geamhradh a chaitheamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan