Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Timòteus 3:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Fealltach, ceann-làidir, àrdanach, aig a bheil bàrr gràidh do shàimh na tha aca do Dhia;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Air an adhbhar sin do bhrìgh nach fhaodar cur an aghaidh nan nithean seo, is còir dhuibhse a bhith ciùin, agus gun nì sam bith a dhèanamh gu h‑obann.

Cò de na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur-leanmhainn? Agus mharbh iad iadsan a ro‑fhoillsich teachd an Fhìrein ud; air an robh sibhse a‑nis nur luchd-brathaidh, agus nur mortairean:

Ro‑mhath; airson am mì‑chreidimh bhriseadh iadsan dheth, agus tha thusa a’ seasamh tre chreideamh. Na bi àrd-inntinneach, ach fo eagal.

Oir chan eil an leithidean seo a’ dèanamh seirbhis dur Tighearna Iosa Crìosd, ach dam broinn fhèin; agus tha iad le briathran milis agus le miodal a’ mealladh cridheachan na muinntir sin a tha neo-lochdach.

Gun a bhith na nuadh-chreidmheach, air eagal, air dha a bhith air atadh le uabhar, gun tuit e ann an dìteadh an diabhail.

Ach ise a tha a’ caitheamh a beatha ann am macnas, air dhi a bhith beò, tha i marbh.

Thoir àithne do na daoine a tha saoibhir anns an t‑saoghal seo gun iad a bhith àrd-inntinneach, agus gun dòchas a chur ann an saoibhreas neo-chinnteach, ach anns an Dia bheò, a tha a’ toirt dhuinn nan uile nithean gu saoibhir rim mealtainn:

Is iad sin an dream a sgaras iad fhèin o chàch, collaidh, gun an Spiorad aca.

Oir ghoid daoine àraidh a‑steach, a dh’òrdaicheadh roimhe o shean a‑chum an dìtidh seo, daoine mì‑dhiadhaidh, a’ tionndadh gràs ar Dè‑ne gu macnas, agus ag àicheadh Dhè, as aon Uachdaran ann, agus ar Tighearna Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan