Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Timòteus 3:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir bidh daoine fèin-spèiseil, sanntach, ràiteachail, uaibhreach, toibheumach, eas-umhail do phàrantan, mì‑thaingeil, mì‑naomha,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

43 Iomraidhean Croise  

Oir nì an t‑aingidh ràiteachas à miann a chridhe; agus molaidh e an duine sanntach as beag le Dia.

A dh’earbas as an saoibhreas, agus a nì uaill à pailteas am beartais?

Carson a nì thu uaill as an olc, O ghaisgich? Mairidh maitheas Dhè a‑ghnàth.

Sealladh àrd, teanga bhreugach, agus làmhan a dhòirteas fuil neo-chiontach;

An dèan an tuagh uaill an aghaidh an fhir a tha a’ gearradh leatha? An àrdaich an tuireasg e fhèin an aghaidh an fhir a tha ga iomairt? Mar gun sìneadh an t‑slat i fhèin an aghaidh an neach a tha ga togail; no mar gun togadh an lorg suas e fhèin mar nach b’fhiodh a bha ann.

Agus nì an rìgh a rèir a thoile fhèin; agus àrdaichidh e e fhèin, agus togar e na mhòrchuis os cionn gach dè, agus labhraidh e nithean iongantach an aghaidh Dia nan dia, agus soirbhichidh leis gus an coileanar a’ chorraich: oir nìthear an nì sin a dh’òrdaicheadh.

Agus labhraidh e briathran an aghaidh an Tì as àirde, agus claoidhidh e naoimh an Tì as àirde, agus bidh dùil aige aimsirean agus reachdan a chaochladh: agus bheirear iad da làimh gu aimsir, agus aimsirean, agus roinn aimsir.

Nach feum e urram a thabhairt da athair no da mhàthair? Mar sin chuir sibhse an neo-bhrìgh àithne Dhè le ur gnàth fhèin.

Agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhèin o shannt: oir chan ann am mòr-phailteas nan nithean a tha e a’ sealbhachadh a tha beatha an duine.

Agus chuala na Pharasaich, a bha sanntach, na nithean sin uile: agus rinn iad fanaid air.

Ach gràdhaichibh-se ur naimhdean, agus dèanaibh math, agus thugaibh iasad, gun dùil a bhith agaibh ri nì sam bith na èirig: agus bidh ur duais mòr, agus bidh sibh nur cloinn don Tì as àirde: oir tha esan toirbheartach dhaibhsan a tha mì‑thaingeil agus olc.

Oir ro na làithean seo dh’èirich Teudas suas, ag ràdh gum bu neach-eigin mòr e fhèin, agus cheangail àireamh dhaoine, timcheall ceithir cheud, iad fhèin ris: mharbhadh esan, agus a mheud is a dh’aontaich leis, sgaoileadh iad uile as a chèile, agus chaidh iad gu neoni.

Na dèan uaill an aghaidh nan geug: ach ma nì thu uaill nan aghaidh, cha tusa a dh’iomchaireas an fhreumh, ach an fhreumh thusa.

Agus gun d’fhuair e bàs airson nan uile, a‑chum iadsan a tha beò nach biodh iad à seo suas beò dhaibh fhèin, ach dhàsan a dh’fhuiling am bàs air an son, agus a dh’èirich a‑rìs.

Oir tha na h‑uile ag iarraidh nan nithean a bhuineas dhaibh fhèin, chan iad na nithean a bhuineas do Iosa Crìosd.

Uime sin claoidhibh ur buill a tha air an talamh, strìopachas, neòghlaine, fonn-collaidh, ana-miannan, agus sannt, nì as iodhal-adhradh;

A tha a’ cur an aghaidh agus ga àrdachadh fhèin os cionn gach nì ris an abrar Dia, no don dèanar adhradh; ionnas mar Dhia gu bheil e na shuidhe ann an teampall Dhè, ga nochdadh fhèin gur Dia e.

Dem bheil Himenèus agus Alecsander; muinntir a thug mise thairis do Shàtan, a‑chum len smachdachadh gum fòghlamadh iad gun toibheum a labhairt.

Air do fhios seo a bhith aige, nach ann do dhuine fìreanach a dh’òrdaicheadh an lagh, ach do dhaoine neo-dhligheach agus eas-umhail, dhaibh-san a tha mì‑dhiadhaidh, agus do pheacaich, do dhaoine mì‑naomha agus neo-chràbhach, do luchd-marbhaidh athraichean agus do luchd-marbhaidh mhàthraichean, do luchd-mortaidh,

Gun a bhith na phòitear, gun a bhith tuasaideach, gun a bhith dèidheil air buannachd shalaich; ach macanta, neo-thuasaideach, neo-shanntach;

Oir is e gaol an airgid freumh gach uilc: nì am feadh a mhiannaich dream àraidh, chaidh iad air seachran on chreideamh, agus thro-lot iad iad fhèin le iomadh cràdh.

Tha e uaibhreach, gun eòlas aige air nì sam bith, ach tha e as a chèill mu thimcheall cheistean, agus bhriathar-connsachaidh, on tig farmad, còmhstri, ana-cainnt, droch amharasan.

Fealltach, ceann-làidir, àrdanach, aig a bheil bàrr gràidh do shàimh na tha aca do Dhia;

Ma choileanas sibh an lagh rìoghail a rèir an sgriobtair, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin, is math a nì sibh:

Ach a‑nis tha sibh a’ dèanamh uaille as ur ràiteachas fhèin: is olc gach uile shamhail sin de uaill.

Ach bheir e gràs as mò uaithe: uime sin tha e ag ràdh, Tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.

Mar an ceudna, a dhaoine òga, bithibh umhail do na seanairean: seadh, bithibh uile umhail da chèile, agus bithibh air ur sgeadachadh le irioslachd: oir tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.

Ach gu h‑àraidh iadsan a leanas an fheòil ann an ana-miann na neòghlaine, agus a nì tàir air uachdaranachd: air dhaibh a bhith an‑dàna, fèin-thoileil, chan eagal leo ana-cainnt a thoirt dhaibhsan a tha ann an àrd-inbhe:

Ach iadsan, mar ainmhidhean nàdarra eu‑cèillidh, a rinneadh gu bhith air an glacadh, agus air an sgrios, air dhaibh a bhith a’ labhairt gu toibheumach mu na nithean nach tuig iad, sgriosar iad nan truaillidheachd fhèin;

Oir nuair a labhras iad briathran atmhor dìomhanais, meallaidh iad tre ana-miannan na feòla, tre mhacnas, iadsan a chaidh gu glan as uapasan a tha a’ caitheamh am beatha ann an seachran;

Agus tre shannt nì iad ceannachd oirbh le briathran mealltach: dream nach eil am breitheanas a‑nis o chian a’ dèanamh moille, agus chan eil an sgrios a’ turra-chadal.

Is luchd-cànrain agus gearain an dream seo, a tha ag imeachd a rèir an ana-miann fhèin; agus tha am beul a’ labhairt bhriathar atmhor, agus iad a’ gabhail iongantais de phearsachan dhaoine air sgàth buannachd.

Agus sheas mi air gaineimh na fairge, agus chunnaic mi fiadh-bheathach ag èirigh suas as an fhairge, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a adhaircean deich crùin, agus air a chinn ainm toibheim.

Agus thug iad toibheum do Dhia nèimh airson am piantan agus an creuchdan, agus cha do ghabh iad aithreachas den gnìomharan.

Agus thàinig clachan-meallain mòra a‑nuas o nèamh air daoine, gach clach cho trom ri tàlann: agus thug daoine toibheum do Dhia, airson plàigh nan clachan-meallain; oir bha am plàigh ro‑mhòr.

Agus bha daoine air an losgadh le teas mòr, agus thug iad toibheum do ainm Dhè, aig a bheil cumhachd air na plàighean sin: agus cha do rinn iad aithreachas, a‑chum glòir a thoirt dhàsan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan