Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Timòteus 3:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach biodh fhios seo agad, gun tig anns na làithean deireannach aimsirean cunnartach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus ghairm Iàcob air a mhic, agus thubhairt e, Cruinnichibh sibh fhèin an ceann a chèile, a‑chum is gun innis mi dhuibh ciod a thàrlas dhuibh anns na làithean deireannach.

Tàrlaidh anns na làithean deireannach gum bi sliabh taigh an Tighearna air a dhaingneachadh air mullach nan slèibhtean; agus àrdaichear e os cionn nam beann; agus sruthaidh na h‑uile chinnich da ionnsaigh.

Gidheadh bheir mise air a h‑ais bruid Mhòaib anns na làithean deireannach, deir an Tighearna. An fhad seo breitheanas Mhòaib.

Ach tàrlaidh anns na làithean deireannach, gun toir mise air a h‑ais bruid Elaim, deir an Tighearna.

Agus thig thu a‑nìos an aghaidh mo shluaigh-sa Israel, mar neul a dh’fhalach an fhearainn; tàrlaidh e anns na làithean deireannach, agus bheir mise thu an aghaidh m’fhearainn, a‑chum gun aithnich na cinnich mi, nuair a bhios mi air mo naomhachadh annadsa, O Ghog, fa chomhair an sùl.

A‑nis tha mi air teachd a thoirt ort a thuigsinn ciod a thachras dod shluagh anns na làithean deireannach: oir tha an sealladh fhathast rè mòran làithean.

Agus nì an rìgh a rèir a thoile fhèin; agus àrdaichidh e e fhèin, agus togar e na mhòrchuis os cionn gach dè, agus labhraidh e nithean iongantach an aghaidh Dia nan dia, agus soirbhichidh leis gus an coileanar a’ chorraich: oir nìthear an nì sin a dh’òrdaicheadh.

Agus on àm anns an toirear air falbh an ìobairt làitheil, agus an cuirear suas a’ ghràinealachd a nì lèirsgrios, bidh mìle, dà cheud, ceithir-fichead agus deich làithean.

Agus chuala mi an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, nuair a thog e suas a làmh dheas agus a làmh chlì gu nèamh, agus a mhionnaich e airsan a tha beò gu sìorraidh, gum bi e gu aimsir, agus aimsirean, agus leth aimsir: agus nuair a sguireas e de sgapadh feachd an t‑sluaigh naoimh, crìochnaichear na nithean seo uile.

Thug mi fa‑near na h‑adhaircean, agus, feuch, thàinig a‑nìos nam measg adharc bheag eile, ron robh trì de na ciad adhaircean air an spìonadh a‑nìos as am freumhan: agus, feuch, anns an adhairc seo bha sùilean mar shùilean duine, agus beul a’ labhairt nithean mòra.

Na dhèidh sin tillidh clann Israeil, agus iarraidh iad an Tighearna an Dia, agus Daibhidh an rìgh; agus bidh eagal an Tighearna agus a mhaitheis orra anns na làithean deireannach.

Ach tàrlaidh anns na làithean deireannach gum bi sliabh taigh an Tighearna air a dhaingneachadh air mullach nan sliabh, agus àrdaichear e os cionn nam beann; agus sruthaidh na slòigh da ionnsaigh.

Oir thig an t‑àm anns nach bi fulang aca air teagasg fallain: ach air do chluasan tachasach a bhith aca, càrnaidh iad suas dhaibh fhèin luchd-teagaisg a rèir an ana-miann;

Air dhuibh fhios seo a bhith agaibh air tùs, gun tig anns na làithean deireannach luchd-fochaid, ag imeachd a rèir an ana-miann fhèin.

A chlann bheag, is i an aimsir dheireannach a tha ann: agus mar a chuala sibh gun tig an t‑ana-crìosd, is ann mar sin a tha a‑nis iomadh ana-crìosd ann; om bheil sinn a’ tuigsinn gur i an aimsir dheireannach a tha ann.

Ach cuimhnichibh-se, a mhuinntir mo ghràidh, na facail a labhradh roimhe le abstoil ar Tighearna Iosa Crìosd;

Mar a thubhairt iad ribh, gum biodh anns an aimsir dheireannaich luchd-fanaid, a ghluaiseadh a rèir an ana-miannan mì‑dhiadhaidh fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan