An sin thàinig an t‑àrd-cheannard am fagas agus rug e air, agus dh’àithn e a cheangal le dà shlabhraidh; agus dh’fhiosraich e cò e, agus ciod a rinn e.
Eadhon mar as còir dhomh seo a smaoineachadh umaibh uile, do bhrìgh gu bheil sibh agam ann am chridhe, agus gu bheil sibh uile nur luchd co‑roinn dem ghràs-sa, araon ann am ghèimhlean, agus ann an seasamh airson, agus ann an daingneachadh, an t‑soisgeil.
Ag ùrnaigh mar an ceudna air ar son-ne, a‑chum gum fosgladh Dia dhuinn doras na h‑ùr‑labhraidh, a chur an cèill rùn-diamhair Chrìosd, airson a bheil mise ann an cuibhrichean:
Oir uaibhse chaidh fuaim facal an Tighearna a‑mach, chan ann a‑mhàin ann am Macedònia agus ann an Achaia, ach mar an ceudna anns gach àite; tha ur creideamh ann an Dia air a sgaoileadh a‑mach, ionnas nach eil feum air sinne a labhairt nì air bith.
An t‑adhbhar airson a bheil mi mar an ceudna a’ fulang nan nithean seo: gidheadh chan eil nàire orm: oir tha fhios agam cò ann a chreid mi, agus is dearbh leam gu bheil esan comasach air an nì sin a dh’earb mi ris a choimhead fa chomhair an là sin.
Gidheadh, sheas an Tighearna làimh rium, agus neartaich e mi; a‑chum tromhamsa gum biodh an searmonachadh air a làn-fhoillseachadh, agus gun cluinneadh na cinnich uile e: agus shaoradh mi à beul an leòmhainn.
Air dhuibh deagh chaitheamh-beatha a bhith agaibh am measg nan Cinneach; a‑chum an àite olc a labhairt umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun dèan iad o ur deagh obraichean a chì iad, Dia a ghlòrachadh ann an là an fhiosrachaidh.
Air dhuibh deagh chogais a bhith agaibh: a‑chum, nuair a tha iad a’ labhairt uilc umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun gabh iad nàire, a tha a’ toirt toibheim dur deagh chaitheamh-beatha ann an Crìosd.