Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Timòteus 2:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cuimhnich gun do thogadh o na mairbh Iosa Crìosd, de shìol Dhaibhidh, a rèir mo shoisgeil-sa;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Leabhar ginealach Iosa Crìosd, mhic Dhaibhidh mhic Abrahàim.

Agus thubhairt e riu, Mar seo tha e sgrìobhte, agus mar seo b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh o na mairbh air an treas là:

De shliochd an duine seo thog Dia suas do Israel a rèir a gheallaidh Slànaighear, eadhon Iosa:

Neach a thog Dia suas, air dha piantan a’ bhàis fhuasgladh; do bhrìgh nach robh e an comas gun cùmte esan leis:

Air an adhbhar sin air dha a bhith na fhàidh, agus fiosrach gun do mhionnaich Dia le mionnan dha, de thoradh a leasraidh, a rèir na feòla, gun togadh e suas Crìosd, gu suidhe air a rìgh-chathair-san:

A‑nis dhàsan a tha comasach air sibhse a dhaingneachadh a rèir mo shoisgeil-sa agus searmonachadh Iosa Crìosd (a rèir foillseachadh a rùin-diamhair, a bha am falach o thoiseach an domhain,

Anns an là anns an toir Dia breith air nithean uaigneach dhaoine, a rèir mo shoisgeil-sa, tre Iosa Crìosd.

Os bàrr, a bhràithrean, tha mi a’ cur an cèill dhuibh an t‑soisgeil a shearmonaich mi dhuibh, ris an do ghabh sibhse mar an ceudna, agus anns a bheil sibh nur seasamh;

Agus gun d’adhlaiceadh e, agus gun d’èirich e a‑rìs air an treas là a rèir nan sgriobtar:

A‑chum an do ghairm e sibh tre ar soisgeul-ne, a‑chum sibh a dh’fhaotainn glòir ar Tighearna Iosa Crìosd.

A rèir soisgeul glòrmhor an Dè bheannaichte, a dh’earbadh riumsa.

A‑chum an d’òrdaicheadh mise am shearmonaiche, agus am abstol (tha mi a’ labhairt na fìrinn ann an Crìosd, chan eil mi a’ dèanamh brèige), am fhear-teagaisg nan Cinneach ann an creideamh agus ann am fìrinn.

Uime sin na gabh-sa nàire de fhianais ar Tighearna, no dhìomsa a phrìosanach: ach biodh do chuid agad de àmhghar an t‑soisgeil, a rèir cumhachd Dhè;

Smaoinich air na nithean a tha mi ag ràdh; agus gun tugadh an Tighearna dhut tuigse anns na h‑uile nithean.

Agus thubhairt aon de na seanairean rium, Na guil: feuch, bhuadhaich an Leòmhann a tha de threubh Iùdah, Freumh Dhaibhidh, air an leabhar fhosgladh, agus a sheachd seulachan fhuasgladh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan