Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Timòteus 2:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach seachainn faoin-chainnt mhì-naomh; oir thèid iad air aghaidh a‑chum an tuilleadh mì‑dhiadhachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich Esra an sagart, agus thubhairt e riu, Pheacaich sibh, agus ghabh sibh dhuibh fhèin mnathan coimheach a mheudachadh peacadh Israeil.

Tha Ephraim ag ionaltradh air gaoith, agus ag imeachd an dèidh na gaoithe an ear: gach aon là tha e a’ cur bhreug agus reubainn an lìonmhorachd; rinn iad fòs coicheangal ri Asiria, agus tha ola ga giùlan don Eiphit.

Na meallar sibh: truaillidh droch choluadar deagh bheusan.

Chan eil ur n‑uaill math: nach eil fhios agaibh gun gortaich beagan de thaois ghoirt am meall uile?

Air do fhios seo a bhith aige, nach ann do dhuine fìreanach a dh’òrdaicheadh an lagh, ach do dhaoine neo-dhligheach agus eas-umhail, dhaibh-san a tha mì‑dhiadhaidh, agus do pheacaich, do dhaoine mì‑naomha agus neo-chràbhach, do luchd-marbhaidh athraichean agus do luchd-marbhaidh mhàthraichean, do luchd-mortaidh,

Ach diùlt sgeulachdan mì‑dhiadhaidh sheana bhan, agus cleachd thu fhèin a‑chum diadhachd.

O Thimòteuis, coimhead an nì sin a dh’earbadh riut, a’ seachnadh faoin-chòmhraidh mhì-naomha, agus co‑chogadh eòlais don toirear gu breugach an t‑ainm sin:

Cuir na nithean sin an cuimhne dhaibh, a’ cur sparraidh orra am fianais an Tighearna, gun iad a bhith a’ connsachadh mu fhacail anns nach eil tairbhe sam bith, ach a thilgeas bun-os‑cionn an luchd-èisdeachd.

Uime sin ma ghlanas neach e fhèin uapa seo, bidh e na shoitheach a‑chum urraim, air a naomhachadh, agus iomchaidh a‑chum feum a’ mhaighistir, deas a‑chum gach uile dheagh obrach.

Ach fàsaidh droch dhaoine agus mealltairean nas miosa agus nas miosa, a’ mealladh, agus air am mealladh.

Muinntir as còir am beul a dhruideadh, dream a tha a’ tionndadh thaighean iomlan bun-os‑cionn, a’ teagasg nan nithean nach còir, air ghaol buannachd shalaich.

Gun a bhith a’ toirt aire do fhaoin-sgeulachdan Iùdhach, agus do àitheantan dhaoine, a thionndaidheas on fhìrinn.

Ach seachainn ceistean amaideach, agus sloinnteireachd, agus connspaidean, agus connsachadh mun lagh; oir tha iad gun tairbhe agus dìomhain.

A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh-làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh:

Oir nuair a labhras iad briathran atmhor dìomhanais, meallaidh iad tre ana-miannan na feòla, tre mhacnas, iadsan a chaidh gu glan as uapasan a tha a’ caitheamh am beatha ann an seachran;

Agus leanaidh mòran an slighean millteach tre am faigh slighe na fìrinn mì‑chliù.

Agus tha e a’ mealladh na dream a tha nan còmhnaidh air an talamh, leis na comharraidhean sin a thugadh dha a dhèanamh an làthair an fhiadh-bheathaich, ag ràdh ri luchd-àiteachaidh na talmhainn, ìomhaigh a dhèanamh don bheathach aig an robh an lot-claidheimh, agus a bha beò.

Agus chunnaic mi aon de a chinn mar gum biodh e air a lotadh gu bàs; agus lèighseadh a lot bàsmhor: agus ghabh an talamh uile iongantas an dèidh an fhiadh-bheathaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan