Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Timòteus 1:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air an adhbhar seo tha mi a’ cur an cuimhne dhut, thu a dh’ath-bheothachadh tìodhlac Dhè, a tha annad tre chur mo làmh-sa ort.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus na mnathan uile a dhùisg an cridhe suas ann an gliocas, shnìomh iad fionnadh ghobhar.

Agus ghairm Maois air Besalil, agus Aholiab, agus air gach duine glic-chridheach, don tug an Tighearna gliocas na chridhe, eadhon gach aon a dhùisg a chridhe suas, gu teachd a‑chum na h‑obrach gu a dèanamh.

Cuir am chuimhne, tagramaid ri chèile; cuir an cèill do chùis, a dh’fheuchainn an glan thu thu fhèin.

Ach ghairm e a dheich seirbhisich, agus thug e dhaibh deich puinnd, agus thubhairt e riu, Cuiribh gu buil iad, gus an tig mise.

Agus air do Phòl a làmhan a chur orra, thàinig an Spiorad Naomh orra; agus labhair iad le teangaidhean, agus rinn iad fàidheadaireachd.

Chuir iad iadsan an làthair nan abstol: agus air dèanamh ùrnaigh dhaibh, chuir iad an làmhan orra.

Na dearmad an tìodhlac a tha annad, a thugadh dhut tre fhàidheadaireachd, maille ri leagadh làmhan na seanaireachd ort.

Ma chuireas tu na nithean seo an cuimhne do na bràithrean, bidh tu ad dheagh mhinistear do Iosa Crìosd, air d’altram suas ann am briathran a’ chreidimh, agus an deagh theagaisg, air an do ghabh thu eòlas:

Cuir na nithean sin an cuimhne dhaibh, a’ cur sparraidh orra am fianais an Tighearna, gun iad a bhith a’ connsachadh mu fhacail anns nach eil tairbhe sam bith, ach a thilgeas bun-os‑cionn an luchd-èisdeachd.

Searmonaich am facal, bi dùrachdach ann an àm agus ann an an‑àm; spreig, cronaich, earalaich leis an uile fhad-fhulangas agus theagasg.

Bunaitean teagasg nam baistidhean, agus leagadh nan làmh, agus aiseirigh nam marbh, agus breitheanais shìorraidh.

Uime sin cha dearmad mi na nithean seo a ghnàth-chur an cuimhne dhuibh, ged is aithne dhuibh iad, agus ged tha sibh air ur daingneachadh anns an fhìrinn an làthair.

An dara litir seo, a mhuinntir mo ghràidh, tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh a‑nis; annta le chèile tha mi a’ brosnachadh ur n‑inntinn fhìorghlain le ur cur an cuimhne:

Uime sin is àill leam ur cur an cuimhne, ged bha fhios agaibh aon uair air seo, cionnas an dèidh don Tighearna am poball a shaoradh à tìr na h‑Eiphit, a sgrios e an dèidh sin an dream nach do chreid.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan