Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Timòteus 1:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air dhomh a bhith ro‑thogarrach air thusa fhaicinn, a’ cuimhneachadh do dheur, a‑chum gum bi mi air mo lìonadh le gàirdeachas;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Iadsan a chuireas sìol le deòir, buainidh iad le gàirdeachas.

A dh’òrdachadh do luchd-caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire.

An sin nì an òigh gàirdeachas anns an dannsa, na daoine òga, agus na seann daoine le chèile: oir tionndaidhidh mise am bròn gu aoibhneas, agus bheir mi dhaibh comhfhurtachd, agus nì mi sòlasach iad an dèidh an àmhghair.

Agus tha a‑nis uime sin doilgheas oirbhse: ach chì mise a‑rìs sibh, agus nì ur cridhe gàirdeachas, agus ur gàirdeachas cha bhuin neach air bith uaibh.

Gus a seo cha d’iarr sibh nì air bith ann am ainm-sa: iarraibh, agus gheibh sibh, a‑chum gum bi ur n‑aoibhneas làn.

A’ dèanamh seirbhis don Tighearna leis gach uile irioslachd inntinn, agus maille ri mòran dheur, agus dheuchainnean, a thachair dhomh le ceilg nan Iùdhach.

Uime sin dèanaibh faire, a’ cuimhneachadh nach do sguir mise rè thrì bliadhna de chomhairleachadh gach aoin agaibh a là agus a dh’oidhche le deòir.

Oir tha dèidh agam air sibhse fhaicinn, ionnas gum pàirtich mi tìodhlac àraidh spioradail ribh, a‑chum ur neartachadh;

Oir is e Dia m’fhianais, cia mòr mo dhèidh oirbh uile, ann an innibh Iosa Crìosd.

Oir bha dèidh mhòr aige oirbh uile, agus bha e làn tùirse, do bhrìgh gun cuala sibh gu robh e tinn.

Ach air dhuinne, a bhràithrean, a bhith air ar dealachadh uaibhse rè tamaill bhig ann am pearsa, ach chan ann an cridhe, is ro‑mhò a rinn sinn dìcheall air ur n‑aghaidh fhaicinn le mòr-thogradh.

Dèan dìcheall air teachd ron gheamhradh. Tha Eubulus, agus Pudens, agus Linus, agus Claudia, agus na bràithrean uile a’ cur fàilte ort.

Dèan do dhìcheall air tighinn am ionnsaigh gu luath:

Agus tha sinn a’ sgrìobhadh nan nithean seo dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi ur gàirdeachas coileanta.

Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis.

Oir beathaichidh an t‑Uan a tha am meadhon na rìgh-chathrach iad, agus treòraichidh e iad gu beò-thobraichean uisge: agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan