Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Timòteus 1:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha mi a’ toirt buidheachais do Dhia, dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis om shinnsirean le cogais ghlain, gu bheil agam cuimhne ortsa a‑ghnàth a là agus a dh’oidhche ann am ùrnaighean;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus bu bhantrach i mu thimcheall ceithir bliadhna agus ceithir-fichead a dh’aois nach deachaidh on teampall, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche le trasg agus le ùrnaigh.

Is Iùdhach mise da‑rìribh, a rugadh ann an Tarsas na Cilicia, ach a thogadh anns a’ bhaile seo, aig casan Ghamalieil, agus a theagaisgeadh gu coileanta a rèir gnàth lagh nan athraichean; agus bha mi eudmhor a‑thaobh Dhè, mar a tha sibhse uile an‑diugh.

Agus air dearcadh do Phòl air a’ chomhairle, thubhairt e, Fheara agus a bhràithrean, anns an uile dheagh chogais chaith mise mo bheatha a‑thaobh Dhè gus an là‑an‑diugh.

Ach tha mi ag aideachadh seo dhutsa, gur ann a rèir na slighe sin ris an abair iadsan saobh-chreideamh, a tha mise a’ dèanamh adhraidh do Dhia m’athraichean, a’ creidsinn nan uile nithean a tha sgrìobhte anns an lagh agus anns na fàidhean:

Agus an seo tha mi a’ saothrachadh a‑ghnàth cogais neo-lochdach a bhith agam a‑thaobh Dhè, agus a‑thaobh dhaoine.

Tha mo bheatha-sa om òige, a chaitheadh air tùs am measg mo chinnich fhèin ann an Ierusalem, aithnichte do na h‑Iùdhaich uile;

Oir, air an oidhche nochd, sheas làimh riumsa aingeal an Dè sin dom buin mi, agus dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis,

Tha mi a’ labhairt na fìrinn ann an Crìosd, chan eil mi a’ dèanamh brèige (air a bhith dom chogais a’ dèanamh fianais dhomh anns an Spiorad Naomh),

Oir is e seo ar gàirdeachas, fianais ar cogais, gur ann an aon-fhillteachd agus an treibhdhireas diadhaidh, agus chan ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, a chaith sinn ar beatha anns an t‑saoghal, agus gu h‑àraidh dur taobh-se.

Agus gun tàinig mi air m’aghaidh ann an creideamh nan Iùdhach thar mòran dem chomhaoisean am measg mo chinnich fhèin, air dhomh a bhith na bu ro‑eudmhoire mu ghnàthannan mo shinnsireachd.

Chan eil mi a’ sgur de bhith a’ toirt buidheachais air ur son, a’ luaidh oirbh ann am ùrnaighean;

A dh’oidhche agus a là a’ guidhe gu ro‑dhùrachdach gum faiceamaid ur n‑aghaidh-se, agus gun leasaicheamaid uireasbhaidh ur creidimh?

A’ coimhead creidimh agus deagh chogais; nì, air do chuid de dhaoine a chur uapa, rinn iad long-bhriseadh a‑thaobh a’ chreidimh.

A‑nis is e as crìoch don àithne, gràdh à cridhe glan, agus à cogais mhaith, agus à creideamh neo-chealgach:

A‑nis cuiridh ise a tha na bantraich dha-rìribh, agus air a fàgail na h‑aonar, a dòchas ann an Dia, agus buanaichidh i a là agus a dh’oidhche ann an athchuingean, agus ann an ùrnaighean.

Nuair a chuimhnicheas mi an creideamh neo-chealgach a tha annadsa, a chòmhnaich air tùs ad sheanmhair Lois, agus ad mhàthair Eunice: agus is dearbh leam a tha annadsa mar an ceudna.

Agus o bha thu ad leanabh gum b’aithne dhut na sgriobtairean naomha, a tha comasach air do dhèanamh glic a‑chum slàinte, tre an chreideamh a tha ann an Iosa Crìosd.

Iosa Crìosd an‑dè, agus an‑diugh, agus gu sìorraidh an Tì ceudna.

Ach air mo shon-sa, nar leigeadh Dia gum peacaichinn an aghaidh an Tighearna, le sgur de dhèanamh ùrnaigh air ur son: ach teagaisgidh mi dhuibh an t‑slighe mhath agus cheart.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan